Am Marsanta agus a' Mhulachag Chàise
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF347i13 AM MARSANTA AGUS A' MHULACHAG CHÀISE
Beulaiche: Eòs Labhrainn mac Iain J. Iain Lachlainn a' Bhuachaille | Joe Lawrence MacDonald
Bha seann mharsanta mach á Benacadie, cùl Christmas Island trup agus cha robh móran sgoil aige. Rachadh aige air figures a dheanamh ach cha b' urrainn dha sgrìobhadh. 'S an dòigh a bha e deanamh, bha scribbler aige 's article sam bith a bha e 'creic, bha e ga…tarraing an deilbh aig' anns an scribbler.
Bha coimhearsnachd aige 's bha e ceannachd a h-uile sion anns a' stòr, agus bha e chargeadh a h-uile sion a bha e ceannach. Ach nunn sin as t-fhoghar chaidh e a-staigh a phàigheadh an ainbhiach agus bha am marsanta dol tron leabhar 's bha e 'g innse a h-uile sion a bha e faighinn is fhuair, fhuair 's bha e cur sìos prìs an article a cheannachd e 's thàinig e sin gu mulachag càise.
'S thuirt e, "Fhuair thu mulachag càise."
"Cha d' fhuair mise mulachag càise!"
"O fhuair, tha e agamsa anns an leabhar ann a' seo."
"Carson a gheobhainnsa mulachag càise, tha sinn deanamh càise aig an taigh."
"Tha e agam air a mharcadh ann a' seo, feumaidh gun d' fhuair thu e."
"Cha d' fhuair. Tha sinne deanamh càise sinn fhìn aig an taigh, carson a gheobhainn an càise?"
"Uill tha e agamsa ann a' seo," 's bha am marsanta a' fàs crosda.
Thuirt a' fear eile, "Cheannaich mi clach-nearaichean a' seo. Chan eil mi faicinn sin air a mharcadh."
"O Dhia, Dhia, 's e sin a bh' ann, cha do chuimhnich mi air an toll a chur innte."