Back to recordings

Cumha Dh'a Mhnaoi

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF205i01CUMHA DH'A MHNAOI


Beulaiche: Eòs mac Iain ghobha 'ic Iain 'ic Lachlainn | Joe Lawrence MacDonald
Bàrd: Seòras MacCoinnich | Fear Ghrinneard | George MacKenzie



[Séist]: 'S tha mo chridhe 'fàs trom,
'S taobh mo leabaidh 'fàs lom
'S cha togair leam fonn air chòir


Fhuair mi bhuam leis an eug
'S air m' fhìrinn cha bhreug
Mi cho fìnealt ri leigan òir


Thréig am b'ailleantan 'uat
Neoil an dreach ort mun cuairt
Deud mar chailc agus gruaidh mar ròs


Do ciabh cas-lubach donn
Shlios mar eala air an tonn
'Do bheul meathair o 'm b'fhonnmhor glòir.


Do shùil mar dhearcaig nan allt
'S do ghuth mar smeòrach air chrann
A' seinn luinneag an gleann ri ceòl


'S ann 's a' choill' nach robh cruinn
Fhuair mi slat nach robh grinn
'S i àlainn, ùr, fìnealt, òg


Tha do m' òg ghaol a tha
Air na ghlac thu mo làmh
'S mór an tainead ad stath is 'ad sròl


Cha robh crine 'nad bheus
Le bu shuarach an treud
Fhuair thu measalach feum le còir


B'e h-atharrainn le mo bheachd
O'n a bhuannaich thu math
'S iad nach fhàgadh a chreach gun tòir


Bhiodh gach capall 's gach ball
Chaidh mo mhisneachd air chall
Tha mo sgìob' air 'fàs mall gun treòir


Dh'fhàg thu mise bochd, truagh,
Mar luing reòit' air a' chuan
An déidh na siùil a thoirt bhuap 'sa seòl.


Chì thu chuirinn 's gu tìr
'On mhuc-mhara le sìth
Cuir gu cala mi-fhìn 's mo lòd


Ged tha mise dheth bochd
Dh'fhàg e 'n té tha fo 'n phloc
Bhith an dòchas feuch toirt mu 'n bhòrd


Bhuam gun deanainn-sa 'n nuas
Mar nach tì ach seach chluais
Tha na ceudan dol bhuainn gach là


Bidh mi uair as an déidh
Air an eudaich nach tréig
Chum 's gum faic sinn ri chéil' an Glòir



Reference sources:
Mactalla nan Tùr, Rev. A. Maclean Sinclair, Sydney, Nova Scotia (1901), p.45

Joe Lawrence MacDonald
Baile Iarainn | Ironville 16 recordings Faic pròifil | view profile