Eun nam Bram
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF347i11 EUN NAM BRAM
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
Eun, bhiodh 'ad a' tighinn a-null mu'n cuairt 'san fhoghar, 's e nighthawk 'n t-ainm Beurla ac' orra. Cha bhiodh ainm Gàidhlig againn orra ach bhithinn a' cluinntinn a' feadhainn ag éigheach "eun nam bram" dhaibh air tàilleabh gum biodh 'ad a' dèanamh fuaim nuair a bhiodh 'ad—co-dhiù 's ann le sgiathan aca dé an dòigh a bh' aca air a' fuaim a dhèanamh. Sin an dòigh 's gun d' thug 'ad an t-ainm orra.
Thug mi 'n aire dha 'n t-eun a tha sin. Nuair a théid e air meur craoibheadh cha téid e tarsainn oirr' idir. Cha laigh 'ad thairis oirr' idir ach laighidh e air fad na meangain air chòir 's gum bi e duilich fhaicinn, gum bi e 'na laighe suas air uachdar nam meanglan agus bhiodh 'ad cho duilich fhaicinn nam biodh 'ad tarsainn air chìtheadh tu an ceann 's an t-earball ach tha e a' ruith air fhad air a—air a—meadhan na craoibheadh.