Back to recordings
Cnàimh a' Sileadh Fala
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF347i09 CNÀIMH A' SILEADH FALA
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
Bha seanchas aca fear a fhuaireadh, a bh' air a mhurt, airson am murt a rinn e nam biodh cuideigin ann air a robh an droch amharas aca gun cruinnicheadh 'ad 's a
thogadh 'ad cnàimh dhe 'n duine a chaidh a mharbhadh. Nuair a thogadh a' fear seo an cràimh gun tòisicheadh an fhuil air 'tighinn ás.
Bha e air cunntais ac' air gu robh cas ann far an do thachair a leithid co-dhiubh a bha sin fìor na nach robh, gun dàinig, gun do thog 'ad uile 'n cnàimh ach nuair a thog esan an cnàimh gun do theann an cnàimh air sileadh.
Agus chuir 'ad, bhòidich 'ad air gura h-e a rinn am murt air a thàilleabh sin.