Back to recordings
Tha Bó Dhubh Agam
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF346i03 THA BÓ DHUBH AGAM
Beulaiche: Iagan Dhòmhnaill Iain | Jack MacAskill
Tha bó dhubh agam, tha bó dhubh bhuam,
Tha bó dhubh agam, tha bó dhubh bhuam,
Tha bó dhubh agam, tha bó dhubh bhuam,
Trì bó dhubh air a' bhruach ud shuas.
Có leis an crodh coimheach a thall air a' ghleann?
Có leis an crodh coimheach a thall air a' ghleann?
Có leis an crodh coimheach a thall air a' ghleann?
Ann an ruith 's cha toir 'ad 's a' ghleann.
Tha bó dhubh agam, tha bó dhubh bhuam,
Tha bó dhubh agam, tha bó dhubh bhuam,
Tha bó dhubh agam, tha bó dhubh bhuam,
Trì bó dhubh air a' bhruach ud shuas.