GF341i03 ÌOSA, GLÉIDH MI DLÙTH DON CHRANN Beulaiche: Iain Choinnich Dhòmhnuill Aonghais | John Angus MacAskill Ìosa, gléidh mi dlùth don chrann; 'S ann tha 'n tobar phrìseil, Dh'fhosgail Dia airson nan sluagh An sruth 's a bheil an iocshlaint. [Séist:] Anns a' chrann, anns a' chrann, Bidh mo ghlòir an còmhnaidh, Gus an ruig mi an taobh thall An fhois a gheallaidh dhomhsa. Dlùth do'n chrann, is ormsa sgàth, Thàinig gràdh is tròcair; Dhealaich Reult na Madainn moch, Is doille m' inntinn dh'fhògair. Dlùth do'n chrann, O Uan mo Dhè, Nochd dhomh sealladh àillidh; Ceum air cheum, o latha gu latha, Gléidh mi fo na sgàile. Dlùth do'n chrann, bithidh mo thàmh, M' iarrtas, m' earbsa, 's m' aoibhneas, Gus an ruig mi tràigh an òir, Air taobh thall na h-aibhne.