Back to recordings

Leigheas air an Dà-Shealladh

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF339i04 LEIGHEAS AIR AN DÀ-SHEALLADH


Beulaiche: Dùghall mac Alasdair 'c Aonghais 'ic Alasdair Bhàin | Dougall MacDonald


[Dougall MacDonald:] 'S ann a seo agus uill, bha 'ad ag ràdhainn gu robh esan ach, Dhia, Dhia, bha, bha [chuir e an eagal air?]. Agus sagart air choireigin a thàinig is thuirt e gun léighseadh e, leabhar, leabhar, Leabhar Aifrinn, fhios agad.


[John Shaw:] Dé?


[DMD:] Am fanadh mu choinneimh a shùil 's gun toireadh e leis a' sealladh a bha seo.


[JS:] Seadh.


[DMD:] Fhuair e clioras e. [BREAK IN TAPE] Chan eil fhios a'm ciù tha e beò fhathast no nach eil. 'S e Whiskey Angus a bh' ac' air. Bhiodh e, bha e 'na—'g obair air an telephone.


[Unidentified speaker 1:] B' aithne dhomh e.


[DMD:] B' aithne dhut Whiskey—Whiskey Angus?


[Unidentified speaker:] Whiskey Angus. Bha mis' eòlach air an duine sin.


[DMD:] 'S ann mu mhìle, mìle gu leth á seo shìos a bha e.


[Unidentified speaker 1:] Ó sin thu.


[DMD:] 'S ann. Angie Alasdair Sheumais, bràthair do John H. 'S e Whiskey Jack a bh' ac' air John H.


[Unidentified speaker 1:] B' aithne dhomhsa, b' aithne dhomhsa an duine sin, Whiskey Angus.


[DMD:] Hm-hmm.


[Unidentified speaker 1:] Bha. Bha e pòst' aig—[BREAK IN TAPE].


[DMD:] Dé bha—pàirt do stoc ann an Ailean Tanner, nach e?


[Unidentified speaker 1:] 'S e, bha 'ad—[BREAK IN TAPE].


[DMD:] Nach Ellen Tanner a bha 'sa bhean aige—


[Unidentified speaker 1:] 'S e, 's e. 'S e nighean-ogha do Iain Mór—


[DMD:] Hm-hmm.


[Unidentified speaker 1:] —do Iain Mór—[BREAK IN TAPE].


[DMD:] Bràthair is bràthair seanar—


[Unidentified speaker 2:] [...?] 'S e duine [Dhòmhnaill?] [BREAK IN TAPE].


[DMD:] Dhòmhnaill [BREAK IN TAPE]. St. Peter's agus dh'fhàg i feadhainn aig an dithist ghillean aig an taigh 's thug i leath' a nighean—'s e béibidh a bh' innte. 'S thug i leath' air na còmhraidhean. Nuair a chaidh i air ais shìos St. Peter's. Agus phòs an nighean sin, phòs i fear shìos Madame Island, agus chaidh, chaidh i a-mach, mac—an e sin? 'S e mac na [céisean?]. Tha e post' aig, uill, 's e cousin 'ga m' athair a bh' innte, taobh mo sheanmhair. Agus sgrìobh e dhachaidh, sgrìobh e a-nuas gu cuideigin na bean aige fhéin, fhios agad, shìos Long Point a' seo. Agus cha robh fear e 's e duine air, air duine—bu toil aige fhaighinn a-mach, fhios agad, có bh' unnta is bha e tighinn a's t-samhradh agus tha e beò. Agus bha mise [...?]. Uill tha e duilich sian mar siud fhaighinn a-mach an dràsd'.


[Unidentified speaker 1:] Tha.


[JS:] Tha.










Team notes:
The placenames St. Peter's, Madame Island, and Long Point are mentioned in this track.

Dougall MacDonald
Tròidh | Troy 40 recordings Faic pròifil | view profile