GF339i04 LEIGHEAS AIR AN DÀ-SHEALLADH Beulaiche: Dùghall mac Alasdair 'c Aonghais 'ic Alasdair Bhàin | Dougall MacDonald [Dougall MacDonald:] 'S ann a seo agus uill, bha 'ad ag ràdhainn gu robh esan ach, Dhia, Dhia, bha, bha [chuir e an eagal air?]. Agus sagart air choireigin a thàinig is thuirt e gun léighseadh e, leabhar, leabhar, Leabhar Aifrinn, fhios agad. [John Shaw:] Dé? [DMD:] Am fanadh mu choinneimh a shùil 's gun toireadh e leis a' sealladh a bha seo. [JS:] Seadh. [DMD:] Fhuair e clioras e. [BREAK IN TAPE] Chan eil fhios a'm ciù tha e beò fhathast no nach eil. 'S e Whiskey Angus a bh' ac' air. Bhiodh e, bha e 'na—'g obair air an telephone. [Unidentified speaker 1:] B' aithne dhomh e. [DMD:] B' aithne dhut Whiskey—Whiskey Angus? [Unidentified speaker:] Whiskey Angus. Bha mis' eòlach air an duine sin. [DMD:] 'S ann mu mhìle, mìle gu leth á seo shìos a bha e. [Unidentified speaker 1:] Ó sin thu. [DMD:] 'S ann. Angie Alasdair Sheumais, bràthair do John H. 'S e Whiskey Jack a bh' ac' air John H. [Unidentified speaker 1:] B' aithne dhomhsa, b' aithne dhomhsa an duine sin, Whiskey Angus. [DMD:] Hm-hmm. [Unidentified speaker 1:] Bha. Bha e pòst' aig—[BREAK IN TAPE]. [DMD:] Dé bha—pàirt do stoc ann an Ailean Tanner, nach e? [Unidentified speaker 1:] 'S e, bha 'ad—[BREAK IN TAPE]. [DMD:] Nach Ellen Tanner a bha 'sa bhean aige— [Unidentified speaker 1:] 'S e, 's e. 'S e nighean-ogha do Iain Mór— [DMD:] Hm-hmm. [Unidentified speaker 1:] —do Iain Mór—[BREAK IN TAPE]. [DMD:] Bràthair is bràthair seanar— [Unidentified speaker 2:] [...?] 'S e duine [Dhòmhnaill?] [BREAK IN TAPE]. [DMD:] Dhòmhnaill [BREAK IN TAPE]. St. Peter's agus dh'fhàg i feadhainn aig an dithist ghillean aig an taigh 's thug i leath' a nighean—'s e béibidh a bh' innte. 'S thug i leath' air na còmhraidhean. Nuair a chaidh i air ais shìos St. Peter's. Agus phòs an nighean sin, phòs i fear shìos Madame Island, agus chaidh, chaidh i a-mach, mac—an e sin? 'S e mac na [céisean?]. Tha e post' aig, uill, 's e cousin 'ga m' athair a bh' innte, taobh mo sheanmhair. Agus sgrìobh e dhachaidh, sgrìobh e a-nuas gu cuideigin na bean aige fhéin, fhios agad, shìos Long Point a' seo. Agus cha robh fear e 's e duine air, air duine—bu toil aige fhaighinn a-mach, fhios agad, có bh' unnta is bha e tighinn a's t-samhradh agus tha e beò. Agus bha mise [...?]. Uill tha e duilich sian mar siud fhaighinn a-mach an dràsd'. [Unidentified speaker 1:] Tha. [JS:] Tha.