Sgeulachd a' Choin Bhàin
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF338i01N SGEULACHD A' CHOIN BHÀIN
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
Chuala mi bho chionn àireamh mhór bhliadhnaichean sgeulachd aig fear Iain Dòmhnallach, Mac do dh'Fhionnladh Iain Nìll 'ic Iain Òig. Agus 's e sgeulachd a' choin bhàin bh' aig' oirre. Ged a fhuair mise sgeulachd air a' chù bhàn a bha leth choltach rithe, a-rithist, cha b' ann mar sin a bha sgeulachd a bh' aigesan buileach, bha atharrachadh innte, mar gum biodh pìosan innte dhe do dhiofar sgeulachdan. Agus bha rud innte coltach, leth choltach ri gnothach a mathan bàn, no an ear air a' ghréin 'san iar air a' ghealaich, mar a bheireadh 'ad.
Ach a' naidheachd a bha seo, bha an té seo pòsda, aig fear a bha ann an riochd coin, tha e coltach, air a' latha, agus na dhuine anns an oidhche. Agus tha e coltach gum biodh e air falbh a ruith a' latha. Ach co-dhiù, nuair a bha 'ad greis do dh'ùine pòsda, fhuair 'ad duine teaghlaich, agus a-réir na sgeul a bh' aige-san, chaidh bean-ghlùine fhaighinn, agus fhuaireadh leanabh gille. Agus nuair a bha 'ad, bh' air an taigh air a dhol gu tàmh, thàinig cròg mhór a-nuas ás an t-similear, agus chaidh a' leanabh a' sgobadh air falbh, 's cha robh sgeul air.
Ach co-dhiù, tha e coltach nach deachaidh móran coire a dhèanamh mu dheidhinn, co-dhiù. Agus fhuaireadh an dàrna mac, agus dh'éirich dha mar a dh'éirich dha 'n chiad fhear. Agus fhuaireadh a' sin nighean, agus nuair a bhathar 'ga toirt air falbh, tha e coltach gun d' thàinig deur á sùil a' bhoireannaich, agus ghlac i 'n deur air a neapraigean phòca.
Ach ge b' e gu dé an aimhreit a's an d' thàinig 'ad mu dheoghainn sin, tha e coltach gun do throid 'ad is gun do shabaidich 'ad. Agus dh'fhalbh esan, theich esan air falbh. Agus dh'fhalbh is' a' sin a shealltainn air a shon, agus tha e coltach gun d' thàinig i gu bhothan do thaigh. 'S bha gille beag a-muigh ann a' sin a' cluich. Agus thuirt e gu robh a mhàthair a' tighinn. Is thuirt an té a bha a-staigh, b' e sin, os ise, "an droch mhàthair a chuir a siubhal seo bho cheann a companaich."
Agus co-dhiù, thàinig i 'staigh, agus chaidh gabhail aic' ann an sin. Agus bha aic' an uair sin, bha i 'dol a dh'fhalbh air làrna-mhàireach gu àite, àite téile, agus thachair gur e té do pheathraichean a' choin bhàin a bha seo. Agus dh'inns' i an t-astar a bh' aice ri dhol. Agus thug i dhi brògan a chuireadh i oirre, agus ged a bha coiseachd latha is bliadhna roimhpe, bheireadh na brògan seo ann i mun àm a bhiodh a' ghrian a' dol fodha.
Agus nuair a ràinig i an t-àite aig cromadh na gréineadh, bha gille beag a-muigh, is thuirt e gu robh a mhàthair a' tighinn. Agus b' e sin ars an té a bha 'staigh, "an droch mhàthair a chuir a siubhal seo bho cheann a companaich." Agus chaidh i 'staigh is chuir i seachad an oidhche a's an àit' a bha sin.
Agus bha i 'falbh a' làrna-mhàireach, is bha i 'dol far a' robh an téile do pheathraichean a' choin bhàin. Agus thug an té seo dhi na brògan a bheireadh ann i ann an cabhaig, seach a bhith 'coiseachd latha is bliadhna. Is nuair a ràinig i sin feasgar, bha nighean bheag ann an sin, agus dé thuirt, gu robh màthair a' tighinn.
Agus co-dhiù, nuair a thàinig i a-staigh a' sin, thug i an aire nach robh ach aon sùil an ceann na h-ighinn bheag. Agus bha i uabhasach duilich nuair a chunnaic i seo. Smaointich i 'sin, an deur a shil i fhéin, gu robh e fhathast 'sa neapraigean phòc'. Agus thug i neapraig' ás a pòcaid, agus sgaoil i 'n neapraig, agus bha 'm boinnean innte. 'S chuir i sin 'sa lag a' bh' ann am bathais, ann an aodann na h-ighneadh, agus 'sa mhionaid bha sùil ann an sin cho math ris an téile, is chìtheadh i math gu leòr leatha.
Co-dhiù, dh'inns an té sin dhi far a' robh, far a' robh a companach. Agus bha astar mór ann ri falbh. 'S bha aice ri beinn shnàthadan a dhìreadh. Agus bha bheinn dheigheadh aice ri dhìreadh, agus bha beinne ghlainneadh aice ri theàrnadh, mu 'n d' fhuair i dha 'n àite.
Agus ge b' e dé mar a chaidh i thron a h-uile cuid a bha sin, ràinig i an t-àite, 's tha e coltach gu robh esan, gu robh e fo gheasaibh fhathast, agus bha aige ri – feumaidh gu robh té a' sin a bh' aige ri pòsadh, no rudeigin.
Ach co-dhiù, bha léin' aige a bha ri nighe agus ge b' e gu dé na rudan is na ballan a bh' oirre, co-dhiù 's e fuil no céir no b' e dé a bh' ann, dh'fhairich air a h-uile h-aon aca a dh'fheuch ris a' léine a nighe, ach an té a bha pòsd' aige roimhe sin. Agus fhuair i sin, fhuair i a' léine a nighe. Agus thuirt i ris gun d' thàinig i, gun do dhìrich i a' bheinn dheigheadh 's a' bheinn shnàthadan agus gun do theàrn i a' bheinn ghlainneadh 's gun d' thàinig i ann an seo.
Agus sin a' chrìoch a bh' aige, a bh' aig Iain Dòmhnallach air a' naidheachd, ged a bha i leth choltach ris na naidheachdan eile a fhuair mi ann an diofar suidheachadh, bha e mar gum biodh pìosan dhe 'n h-uile té air a chuir còmhla, agus aon sgeulachd air a dhèanamh orra. Agus sin na chuala mis' aige.
Notes (fieldnotes):
"SOURCE: IAIN MACDHÒMHNAILL, CAMUS NAN EIREANNACH. (SUMMARY)"