Buaidh na Bàrdachd
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF337i11 BUAIDH NA BÀRDACHD
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
Tar-Sgrìobhadh: Seòige NicDhòmhnaill | Joyce MacDonald
Làrach-lìn "An Drochaid Eadarainn" (Baile nan Gaidheal) | "An Drochaid Eadarainn" Website (Highland Village Museum)
'S ann aig Iain Mac'Illeathain, Iain Chaluim Iain Chaluim, a chuala mi a' sgeul a bha seo, 's bha e 'g innse mu dheidhinn bàrd sònraicht' a bh' ann. 'S ann an Alba bha e, bha e cinnteach gu leòr. Agus bha e coltach gun d' rinn e òran a' moladh neach air choireigin agus bha 'n duine a bha seo car àrdanach, mór ás fhéin no rudeigin. Agus sheinn e dha an t-òran a rinn e, 's ó mhol e 'n t-òran.
Ach thuirt e ris, "Cha b' urrainn dhut," os' esan, "an còrr òran a dhèanamh dhomhsa, ach mar a rinn thu." Agus, tha mi 'creidsinn nach do chòrd seo ris a' bhàrd ann, 's e duine car iriseal a bhiodh ann.
Agus, "Ó stad ort," os esan, "tacan beag, ma-thà."
Agus thòisich e air dèanamh aoir dha 'n fhear, òran dha 'ga ruith sìos, 'ga mho—'ga dhi-moladh. Bha fear eile 's a làmh air a taobh a chinn agus ag éisteachd ris an òran. Agus a-rèir na naidheachd a bh' aig Mac'Illeathain, nuair a thog e làmh far a taobh a chinn 's an deaghaidh dha 'n fhear eile a bhi réidh dhe 'n òran, thuit a fhalt a bha fo làimh dheth far taobh a chinn. Feumaidh gu robh an t-òran gu math domhainn.
Notes (fieldnotes):
"(BELIEF CONCERNING POWER OF POETRY) SOURCE: IAIN MAC'ILLEAIN"