Back to recordings

Am Fear ás Ceap Nòr agus an Tarbh

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF336i07 AM FEAR ÁS CEAP NÒR AGUS AN TARBH


Beulaiche: Alasdair mac Aonghais Y | Alec Dan MacLellan


Bho chionn fhada thàinig duine a-nuas á Ceap Nór is bha e 'fuireach mun cuairt a' seo. 'S e duine mór gasta cóir a bh' ann, ach bhiodh 'ad daonnan a' bragadh air na daoine móra a bha an Ceap Nór, na daoine foghainneach a bh'ann is na bailtean móra a bh'ann. Cha chreid—tha seansa gur ann car air an aon gnothach a bhitheadh e 'g obair ach…
Co-dhiù, bha e 'g innse, tuathanach mór a bha shìos a' sin agus bha béist do tharbh aige agus bha meudachd ann a bha gàbhaidh. Bha e doirbh is bha e crosta is bha spàgadh do dh' adhaircean air a bha eagallach. Thoisich e air bristeadh e na feansachan is 'dol astaigh dha na bailtean feadhainn eile is bha na coimhearsnaich uile gu léir air an leth-oillt roimh tairbh.
Ach chuir e mu dheidhinn cur às dha' n tarbh. Agus foghar a bh'ann is bha na beathaichean a-staigh ach bhruidhinn e ris a choimhearsnach, an tigeadh e còmhla ris,
"Cha tigeadh, o cha tig mi a chomhair...tha mi am meud bhon a bheathach sin."
Bhruidhinn e ri fear eile is an aon rud. Thàinig a' sin fear is bhruidhinn e ri fear "Uill, thig mise suas na leigeadh tu leam an gunna a thoirt leam, losgadh air"
"Uill, tha mise coma. Bheir leat do ghunna. Tha mise coma, tha e air a bhith air a mharbhadh air dòigh-eigin."
Ràining a' fear seo shuas 'sa mhadainn is chaidh 'ad a-mach dhan t-sabhail is Dia gar teasraiginn nuair a thug esan sùil air an tarbh, cha bheadradh dha losgadh air. Bha an t-eagal air nach deanadh an gunna an gnothach.
Agus cha robh air a' sin ach sin fhéin. Cha robh ann ach gun d' fhuair an tarbh latha eile do shaoghail.
Ach chaidh e sin dha'n eaglais Dòmhnach agus thàining a' fear seo a-nall far a robh e, duine mór foghainneach, able, ann fhéin agus thuirt e, "Tha mi a' cluinnteil gu bheil thu a' faighinn mi-mhodh a' faighinn duine a mharbhas an tarbh còmhla riut."
"Thà."
"Thig mi suas a' màireach."
"Taghte math, taghte math."
Thàinig a' mhàireach, latha—madainn latha 'r na mhàireach—is ràinig e shuas is thòisich 'ad air faighinn deiseil agus ròip is geirean is tollaich is eile.
Dh'fhaighnich a' fear dha, "Bheil fairche agad ?"
"Thà. Dithist dhiubh. Tha fear dhiubh a thomhais deich puinnd 's fear eile a thomhais fichead punnd."
"Faigh fear a tha na fichead punnd dhomhsa."
Chaidh 'ad a-mach dha'n t-sabhail agus chaidh a' ròip is eile a chuir air an tarbh agus chaidh e thoirt air an ùrlair bhualaidh is a cheangail sìos gu math is o, bha an tarbh a' sgrìobadh is bha e bùranaich is bha e a-null is bha e a-nall is bha an duine seo feitheamh ri cothrom fhaighinn air an sràc a thoirt dha'n tarbh, ach Dhia fo dheireadh, fhuair e an cothrom is thàinig e air an tarbh agus thug e leithid do shràc dha'n tarbh gun deach a' fairche a' sàs 'sa cheann aig’ agus thilg trì dhe na mairt a bha 's an t-sabhail a' laoigh.



Alec Dan MacLellan
Eilean Mhàrgaraidh | Margaree Island 8 recordings Faic pròifil | view profile