Back to recordings

Naidheachd Bhennett

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF336i06 NAIDHEACHD BHENNETT


Beulaiche: Alasdair mac Aonghais Y | Alec Dan MacLellan


Thàinig mi fhìn is m' athair a-staigh ás an eilean...foghar, latha foghair. Agus bha roinn do shoirbheas ann dar a dh' fhàg sinn a-muigh an iar-dheas ach cha robh sian ann ach cha robh móran do thrioblaid oirnn. Ach chaidh sinn dhan town agus rinn sinn an gnothach, 's start sinn a' sin dhachaidh agus 's fhada nach d' fhuair sinn a-mach pìos ás an acarsaid dar a thòisich soirbheas, thàinig an soirbheas bho thuath a' seo is i 'seideadh, 's i 'seideadh, 's i 'seideadh. Bha port beag eadar an eilean agus sinn bha dùil againn gu faigheamaid a-staigh a' sin ach dar a ràinig sinn am port sin, bha an fhairge 'dol seachad air is wash agus cha robh dòigh againn a' faighinn a-staigh is cha robh ach na bàta a' leigeil air an eilean. Ach fhuair sinn a-mach gu sàbhailte is cha do thachair sian is bha sinn, bha an trup car cunnartach, tha mi 'creidsinn, ach fhathast rinn sinn an gnothach math gu leòr.
Ach co-dhiù, bha 'ad air tìr-mhór is cinnteach gun deachaidh am bàs is bha 'ad a' siubhail a' chladaich air ar son is cha robh ach gun deachaidh an call is bha naidheachdan 'dol mun cuairt is eile. Co-dhiù, thàinig latha fiathail. Thug mise am bàt' a-nall ris a' chladaich is bha iad 'dol a dh'fhuireach an àite bràthair-céile air an oidhche seo, agus bha boireannach a' tighinn, bhiodh i 'dol, càirdean dhomh-fhìn. Thuit e mach gu robh i 'san aon àit' as a robh m' athair 'dol a dh'fhuireach air an oidhche sin, an àite a bhràthair-céile agus dar a chaidh m' athair a-staigh o leum i air a cois is, "O Dia 'gad bheannachadh, Aonghais! Dia 'gad bheannachadh air n-ais as an dùthaich seo. Dé a nis...có a chunnaic thu air an taobh eile?"
"Uell, chunnaic mi, you know, na caillich beaga, an té ud, is chunnaic mi an duine seo, agus chunnaic mi duin' eile is thug mi a-sin sùil air a-staigh air na seòmbar na h-aingealan is có...dé a b' fheàrr a chunnaic mi a' crochadh a' sin ach an dealbh aig Bennett."
"O Dhia, Dhia, Aonghais, 's ann 'san àite ceàrr a bha thusa! 'S ann 'san àite ceàrr a bha thu. 'S ann an ifrinn a bha thu! 'S ann an ifrinn a bha thu!"


Alec Dan MacLellan
Eilean Mhàrgaraidh | Margaree Island 8 recordings Faic pròifil | view profile