Back to recordings

Na Bric Mhóra

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF336i02 NA BRIC MHÓRA


Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
Bàrd: Mìcheal Shandaidh Dhòmhnaill a' Chùil' | Michael MacNeil
Tar-Sgrìobhadh: An t-Oll. Iain Seathach | Dr. John Shaw


Tha naidheachd eil' ann a rinn e mu dheidhinn nam breac agus 's ann aig Dòmhnall MacNìll ann an Gleann Bharraidh a chuala mi sin — mar a bheir iad fhéin John Dan Sheumais Dhòmhnaill Òig.
Bha e ag innse an sgeul a bha seo gun tànaig feadhainn a-mach ás a' bhaile agus dh'fhoighneachd iad do Mhìcheal a robh bric shìos a's a' phòn a bha seo—'s seo feadhainn a' fuireach am Baile Shudni a bh' ann. Thuirt e gu robh: bhiodh iad a' faighinn bhreac. Dh'fhoighneachd fear dhiubh a robh iad mór: a robh dad a mheudachd annta. O, thuirt e gu robh, mach 's a-staigh mu chòig òirlich ann an cuid mhór dhiubh. Agus o, cha robh 'n sin ach bric bheag', thuirt fear eile.
"O," ors' esan, "ma dh'fhaoidte," ors' esan, "nach eil sibh a' tuigsinn: nach eil sibh eòlach air an dòigh a th' againn air tomhas nam breac ann a' seo. Tha sinne 'gan tomhas," ors' esan, "eadar an dà shùil."
Agus breac a bhiodh cóig òirlich eadar an dà shùil, bhiodh e gu math doirbh a thoirt gu tìr. Dhèanadh e sabaid gu math trom.

Notes (fieldnotes):
"SOURCE: JOHN DAN SHEUMAS DHOMHNAILL ÒIG MACNÌLL, GLEANN BHARRAIDH"

Joe Neil MacNeil
An Rubha Meadhanach | Middle Cape 583 recordings Faic pròifil | view profile