A' Toirt Dhachaidh nam Mucan Beaga
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF336i01 A' TOIRT DHACHAIDH NAM MUCAN BEAGA
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
Bàrd: Mìcheal Shandaidh Dhòmhnaill a' Chùil' | Michael MacNeil
Tha sgeul eile agam a fhuair mi air obair Mhìcheil Shandaidh. Cho fad 's cuimhnich leam 's ann aig Iain Ruairidh Iain Thormaid a bha shuas aig Camus nan Éireannach a fhuair mi an naidheachd a bha seo. Bha e na sheann duine. Tha e greis de dh'ùine bhon a fhuair mi an naidheachd a bha seo bho Iain Ruairidh. 'S an naidheachd a bha Mìcheal ag innse mu dheidhinn turas a fhuair e fios gun d' thàinig bogsa de mhucan beaga a-staigh a dh'òrdaich e 's bha iad a-shios aig, ann an Eilean na Nollaig aig, thàinig iad a-staigh air a' charbad-iarann.
Bha beagan de shneachd air làr 's dh'fhalbh e leis an each òg luath a bha seo agus sleighe bheag aotrom aige. Agus tha fios gun do lean an cù còmhla ris mar a b' àbhaist dha, agus nuair a bha e 'dol sìos bha fìor choltas droch-sileadh orra, bha i fàs blàth agus a' fàs coltach ri dìle a dhèanamh. 'S bha e dèanamh beagan de chabhag sìos ach ràinig e shìos co-dhiù, às déigh, agus chuir e am bogsa air an t-sleigh agus o, bha cabhag air airson fàgail. 'S bha i fàs na bu choltaiche ris an t-sileadh, mar a bha e tighinn, 's chuir e an cabhag air an each, ged nach robh mòran feum cabhag a chuir air, bha e luath gu leòr. Agus ràinig e dhachaigh. Agus bhuail mu dheich no dusan boinne de dh'uisge air mun d' fhuair e a-staigh gu dorast an t-sabhail. Agus bha an cù a' tighinn as a dheoghaidh 's a' falbh cho luath 's a b' urrainn dha, agus eadar an rathad mór agus an taigh bha an cù a' snàmh am measg an t-sneachd, cho bhog 'san uisge a bh' air an rathad. Sin cho luath 's a bha an t-each a' tighinn air thoiseach.
Notes (fieldnotes):
"SOURCE: IAIN RUAIRIDH IAIN THORMAID, MACNÌLL, IRISH COVE"