An Stobh Mór a Bha an Arichat
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF331i05 AN STÓBH MÓR A BHA AN ARICHAT
Beulaiche: Seumas mac Aonghais 'ic Iain 'ic Uilleim 'ic Mhurchaidh | Jimmy MacKay
Bàrd: Bean Iain Smiorasaraidh | Clementine (MacEachern) MacIsaac
Seo rann a rinn Bean Iain Smiorasaraidh "the stòbh sònraichte a chaidh a cheannach ann an Arichat." Bha iadsan a cheannaich e 'ga mholadh gun tàmh. B' e Clementine MacIsaac a b' ainm don té a rinn an t-òran ach cha chuala mise ach seo dheth:
A' stóbh mór a bha 'n Arichat,
Gu fòghnadh e don pharraisde,
[Gum] bruicheadh e do bhiadh,
Na bha riamh ann an Canada.
Stóbh mór a bha àlainn,
'S math gu bruich buntàta,
Bha àit' ann gu h-àrd,
A tharraingeadh na bramanan.
Bha àite ann gu h-ìseal,
A dh'fhalaicheadh a' phoit tì,
Ged thigeadh a' rìgh,
'S Mac 'ic Ailein.
Sin na chuala mis' dheth.