GF331i05 AN STÓBH MÓR A BHA AN ARICHAT Beulaiche: Seumas mac Aonghais 'ic Iain 'ic Uilleim 'ic Mhurchaidh | Jimmy MacKay Bàrd: Bean Iain Smiorasaraidh | Clementine (MacEachern) MacIsaac Seo rann a rinn Bean Iain Smiorasaraidh "the stòbh sònraichte a chaidh a cheannach ann an Arichat." Bha iadsan a cheannaich e 'ga mholadh gun tàmh. B' e Clementine MacIsaac a b' ainm don té a rinn an t-òran ach cha chuala mise ach seo dheth: A' stóbh mór a bha 'n Arichat, Gu fòghnadh e don pharraisde, [Gum] bruicheadh e do bhiadh, Na bha riamh ann an Canada. Stóbh mór a bha àlainn, 'S math gu bruich buntàta, Bha àit' ann gu h-àrd, A tharraingeadh na bramanan. Bha àite ann gu h-ìseal, A dh'fhalaicheadh a' phoit tì, Ged thigeadh a' rìgh, 'S Mac 'ic Ailein. Sin na chuala mis' dheth.