An Dotair Bàn agus Puinsin 'sa Ghloinidh
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF326i02 AN DOTAIR BÀN AGUS PUINSIN 'SA GHLOINIDH
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
Agus bha sgeul, o bha i sin, bha i sin na bu phailte, bha i aig diofar fheadhainn, caochladh fheadhainn, mu dheoghainn turas a bha aig cuirm no aig cruinneachadh air choireigin a bh' aca, còmhlan air choireigin a bh' aca 's tha e coltach gu robh e, ma dh'fhaoidte gu robh farmad aca ris, gabhail na gamhlas 's bha 'ad a' dol a chur ás dha. Agus aig a' chuirm a bha seo, fear—tha e coltach gu robh droch amharas aige fhéin, dé dh'fhaodadh a bhith tighinn.
Agus co-dhiù, fhuair e gloinne fìon agus creid gu robh puinnsean gu leòr innte, ge b' e dé seòrsa puinnsean a bhiodh ann. 'S tha mi creidsinnn gur e puinnsean air, uh—'ga uisgeachadh, gur e fear nach biodh am blas ri fhaotainn. O chionn dh'aithnich e as an uair sin gu robh puinnsean ann. 'Is thog e a' ghloinne 's thuirt e gu robh e creidsinn gu robh puinnsean gu leòr 'sa ghloinn' a bha seo. Ach co-dhiù dh'òl e na bha 'sa ghloinne gus an leig an còrr air. Tha mi creidsinn gu robh càch a' coimhead feuch dé thachradh 's bha esan a' fuireach mar a b' àbhaist dha 's nuair a bha 'n gnothach seachad, a h-uile sian, thug e uinnean a-mach á achlais agus mar a thuirt, bha… bha sgeul aig feadhainn gu robh an t-uinnean, gu robh e bog, gu robh an t-uinnean ach dìreach na slaman bog. Bha sgeul aig cuideigin eile air gu robh e—gu robh e air a dhol 'na smùrach ach 's coingeis co-dhiù. Tha e coltach gun do tharraing an t-uinnean am puinnsean ás a chom agus gur e sin a shàbhail e. Feumaidh gu robh e gu math fiosrachail, gu robh e gu math foghluimte nuair a bha fios aig' air a' ghnothach cho math sin.
Notes (fieldnotes):
"MEDICAL TRADITION"