Back to recordings

An Dotair Bàn agus Guth far Uachdar Losgainn

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF325i08 AN DOTAIR BÀN AGUS GUTH FAR UACHDAR LOSGAINN


Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
Tar-Sgrìobhadh: Froilig


Agus thug e ordugh teann dhan fhear eile a bhith cinnteach nach ligeadh e dha, nuair a bhiodh e 'goil, bhiodh e a' togail na poite, no ga gluasad no sian, a bhith cinnteach nach beanadh sian dhan uisge, dhe làimh. Agus nach beanadh e dhan uisge ann an dòigh sam bith. Agus tha e coltach gun deach steall dhan uisge theth air a' chorraig agus chuir e a chorrag na bheul, tha mi cinnteach, mar a dheanadh daoine glé thric nuair a rachach a mheur a' ghoirteachadh.
Agus a-réir an naidheachd a chuala mi aig fear eile, bha pàirt dhi aige cuideachd, gun tug an dotair fa-near gun robh rudeigin neònach timcheall, air a, mun ghille. Agus gun do dh'fhaighneachd e dha gu dè thachair? 'S nuair a dh'innis e dha, o, thuirt e ris, bìdeag dhen fheòil, an t-sitheann a bh' air an nathair ithe, 's gum biodh e an uairsin na b' fheàrr buileach, agus air a rinn e sin, tha e coltach gun do dh'atharraich an gnothach, nach fhaiceadh e sian troimh 'n cholainn. Uill, bha an naidheachd seo aig fear eile, 's ann aig Aonghais Alasdair a chuala mi mu dheidhinn faighinn a' nathair agus a h-uile sian.
Ach co-dhiù, bha naidheachd aige an uairsin air an Dotair Bàn a bhith aig cuirm no aig bàl no àite agus bha nighean òg ann an-sin agus bha i anabarrach math gu seinn. Agus thuirt cuideigin gum b' eireachdail an guth cinn a bh' aig an nighinn ud mar a sheinneadh i òran. 'S thuirt e gum b' eireachdail an guth sin a bha tighinn far uachdar losgainn. Agus tha mi creidsinn gun deachaidh iad gu, math dh'fhaoidte, gu trioblaid no gu cùram mu dheidhinn. Ach co-dhiù, bha aige ri, ris, feuchainn ris an losgainn a thoirt bhuaipe. Agus co-dhiù 's e feòil muc a bh' air a ròstadh 's i cho saillte ris an t-salann, no uisge salainn, no ge b' e gu dè bh' aice ri ghabhail fad laithichean, sin na bha i ri ghabhail.
Agus nuair a bha an t-àm iomchaidh ann, tha mi 'cinnteach gu robh esan a 'faicinn co dhiubh gu dé mar a bha cuisean a' dol. Chuir e mias de bhainne air a beulaibh agus ann an ceann creiseadh thàinig an losgann a-mach. Chaidh i a dh'ionnsaidh a' bhainne agus spìon esan air falbh a' soitheach as a' mhionaid agus bha an losgann, leum i as an t-soitheach ach ged do leum, chaidh ac' air a sàbhaladh.
Ach, chuala mi 'nisde naidheachd aig fear eile, agus 's e truinnsear, truinnsear agus muc-shaillt' air, air a' ròstadh 's e chuir air a bheulaibh agus nuair a thàinig i a-mach. Thug e an truinnsear air falbh agus chuir e an truinnsear bhuaithe 's thuit an losgann air làr. Chuir e truinnsear ri beul na h-ighinn air son 's nach fhaigheadh an losgann tilleadh. Ach is coingeis co-dhiù mar a bha ach bha i car coltach gun tug an dotair bàn ris a' losgann is bha i ac' aig an dachaigh is bha i air feadh an taighe mun cuairt. Agus dh'fhalbh e fhèin air turas a seo agus nuair a thill e, dh'fhoighneachd e gu dè thachair. Nach robh e faicinn na losgainn mun cuairt. Agus, dh'innse iad dha gun deachaidh an losgann, gu robh i marbh. Agus dh'fhoighneachd e gu dè thachair. Agus dh'inns' iad gun robh iad, bha iad a' deanamh eanarach air fheanndag no rud air choireigin mar sin. Agus bhiodh iad ga òl sin tha coltach air mo dh'fhaoidte aig àm sonraichte, agus thuit steall dheth sin air a làr, agus fhuair an losgann ga' ionnsaidh agus mharbh sin an losgann. Ach cha robh e an uair sin diombach idir. Bha e glé thoilichte gun d'fhuair e a-mach gu dè rud furasta a ghabhadh uiseadachadh airson losgann a mharbhadh Agus sin agaibh mar a bh' an naidheachd timcheall air an Dotair Bhàn agus air an losgainn.



Notes (fieldnotes):
"MEDICAL TRADITION"

Joe Neil MacNeil
An Rubha Meadhanach | Middle Cape 583 recordings Faic pròifil | view profile