An Doideag Mhuileach
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF320i06 AN DOIDEAG MHUILEACH
Beulaiche: Iain Raghnall Dhòmhnuill Iain | John Rannie MacKeigan
Tar-Sgrìobhadh: Làrach-lìn "An Drochaid Eadarainn" (Baile nan Gaidheal) | "An Drochaid Eadarainn" Website (Highland Village Museum)
Thàinig a' stòiraidh a leanas o Dhòmhnall MacFhionghain…. Bha e aon uair a' fuireach air taobh a tuath a' Bhail' an Ear … a' Bhèidh an Ear. Bha aon uair ann an Eilean Mhuile, cailleach bheag a' fuireach ris an canadh 'ad, "An Doideag Mhuileach." Bha i mu chóig troighean a dh'aìrde, agus glé leathann anns na màsan. Bha i 'cumail a-mach gu robh cumhachd mór aic' air nithichean agus air nàdar dhaoine eile.
Latha do na làthaichean, chaidh triùir iasgairean a-mach a dh'iasgach ann am fianais taigh na caillich. Agus bha a' mhuir glé chiùin, cho ciùin 's nach robh an t-iasg a' gabhail ro mhath 's bu mhath leotha. Chual' 'ad mu dheoghainn na caillich fada roimhe sin. Agus rinn 'ad suas eatorra gun deigheadh 'ad gu taigh na caillich feuch a faigheadh 'ad a-mach an deigheadh aice air sìon a dheanamh air an son. Bha an taigh ùine bheag o 'n a' chladach agus bha móran sprèidh ag ionaltradh anns an achadh.
Agus, chuir a' chailleach fàilte chridheil orra. Dh'inns 'ad dhi an gnothach air a robh 'ad 'dol dha h-ionnsaigh agus thuirt i, "Gu dearra, ma 's urrainn dhomhsa sìon a dheanamh air ur son, nì mi e."
"Uill," ars' às-an, "bidh sinn glé thoilichte."
"Ma tha," ars' ise, "bheir mise dhuibh snàithlean."
Snàithlean, sin agad snàth clòimh, trì no ceithir a dh'fhillte gus am biodh e car reamhar. Agus, chuir i trì snaoimeannan air. Is thuirt i, "Ma bha e ro chiùin 'son an t-iasg a dh'iasgach, fuasgail a' cheud snaoim, agus bidh soirbheas na 's treasa agus gluaisidh am bàta air n-ais no air n-adhart mar 's math leibh."
Thug iad taing dhi agus rinn 'ad sin. Chaidh 'ad a-mach an dàra h-uair agus nuair a dh'fuasgail 'ad a' cheud snaoim, bha am bàta a' dol air n-adhart mar bu mhath leotha 's bha an t-iasgach glé mhath.
Ach co-dhiù, smaointich aon fhear gum bu chòir dhaibh an dàra snaoim fhuasgladh feuch a robh cumhachd na caillich cho làidir 's bha i cumail a-mach. Seo a rud a rinn 'ad. Ach bha soirbheas ro làidir buileach. Agus, rinn sin diofar air an iasgach. Ach co-dhiù, fhuair 'ad na bu mhath leotha do dh'iasg. Agus bha latha brèagha, grianach ann. Agus rinn 'ad suas gu robh an t-àm aca a dhol gu tìr, a dhol dhachaigh. Agus thuirt fear dhiubh, "Seach gu bheil sinn réidh a dh'iasgaich 's gun d'fhuair sinn na bu mhath leinn dhe 'n iasg, tha mise 'dol a dh'fhuasgladh an treas snaoim, feuch a bheil cumhachd na caillich cho làidir 's tha i cumail a-mach."
Seo a rud a rinn iad.
Ach, chaidh an t-uamhas ... mu làn buileach. Chuir e car dhen bhàta, chaill 'ad an t-iasg, chaill iad na ràimh, agus cha robh sìon ach gun d'fhuair iad fhéin beò gu tìr. Ach, cho grianach 's gu robh a' latha, mun d'fhuair 'ad 'ad fhéin a shàbhaladh, dhùin na neòil agus chan fhaiceadh 'ad sìon. Ach co-dhiù, nuair a fhuair 'ad gluasad mu 'n cuairt air a' chladach, thug 'ad sùil agus bha na h-adhaircean uile air an séideadh bhon a' spréidh.
Sin agad a' rud a dhùin na neòil. Agus b' e sin màthair cumhachd na caillich. Ach, ma dh'fhaoidte nach e 'n fìrinn uile gu léir a th' anns a' sgeulachd seo. Ach, ma dh'fhaoidte gu faigh sinn rudeigin às a bhios feumail co-dhiù. Chan e rud math a th' ann do dhuine sam bith a bhith ro fhada 'na bharail fhéin.
Sin agad stòiridh na caillich.