Back to recordings

E ho ro tha sunnd air Ailein

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF319i03 E HO RO THA SUNND AIR AILEIN


Beulaiche: Dùghall mac Alasdair 'c Aonghais 'ic Alasdair Bhàin | Dougall MacDonald
Bàrd: Iain Thormaid Mhóir MacIosaig | John Norman MacIsaac


[Séist:] E ho ro tha sunnd air Ailein,
E ho ro tha sunnd air Ailein,
Dòmhnull Ruadh a tha mi gràdhainn,
Bho 'n is 's e 'na bhàrd na Tanaidh.


[?] rinn mi sunnd ris,
Is thug mi leum air feadh an ùrlar,
Gur ìs' a' robh gu fàgail sùbailt',
Dol a-null gu taidhm na Tanaidh.


Chaidh an éigheachd air DiDòmhnaich,
'S chuir 'ad an cinn ri chéile,
Màiri Dhòmhnaill do na maighdinn,
'S i 'ga faighneachd null gu banais.


Thàinig a' fleasgach is a' mhaighdinn,
Rinn e bòrd dhaibh a bha aibhseil [oillteil],
Buntàta reòite, feòl gun saille,
Steall do thì a ghabhadh [oillt'?] ort
'Ad 'ga roinn ann còmhl' ri aran.


Thàinig [Sandy?] a-nall gu càirdeil,
'S labhair e le guth beag ri Màiri,
Feuch gun marbh thu a' mholta bhàn,
'S a' cumail nàire ris na fearaibh.


Cha mharbh mise a' mholta bhàn,
'S an t-acras agus tàir a fhuair
Mun do dh'àraich mi 'n Tanaidh.


Thàinig a' fleasgach is a' mhaighdinn,
Rinn e bòrd a bha aibhseil [oillteil],
Buntàta reòite is [roillichean soidhne ort/ feòil gun saille?]
Steall do thì is—aran-coirc' dhe'n pàigh stylish,
Bha 'ga roinn an taidhm an Tanaidh.


Pàirt dha 'n a thàinig a-nuas ann,
Thug iad leò an t-aran buailtean,
Bha aca 'ga choimhead dha na h-uaislean,
A bha mun chuairt air a' [bruthach/rubh'?] a' chladaich.


Dar a ràinig 'ad a' léig 'ud,
Chuir e iongantas air pàirt dhiubh,
Thàinig Dòmhnull Ruadh, a' ghàrlach,
'S chuir e an [daga?] bàn ri Annie.


Dougall MacDonald
Tròidh | Troy 40 recordings Faic pròifil | view profile