GF319i03 E HO RO THA SUNND AIR AILEIN Beulaiche: Dùghall mac Alasdair 'c Aonghais 'ic Alasdair Bhàin | Dougall MacDonald Bàrd: Iain Thormaid Mhóir MacIosaig | John Norman MacIsaac [Séist:] E ho ro tha sunnd air Ailein, E ho ro tha sunnd air Ailein, Dòmhnull Ruadh a tha mi gràdhainn, Bho 'n is 's e 'na bhàrd na Tanaidh. [?] rinn mi sunnd ris, Is thug mi leum air feadh an ùrlar, Gur ìs' a' robh gu fàgail sùbailt', Dol a-null gu taidhm na Tanaidh. Chaidh an éigheachd air DiDòmhnaich, 'S chuir 'ad an cinn ri chéile, Màiri Dhòmhnaill do na maighdinn, 'S i 'ga faighneachd null gu banais. Thàinig a' fleasgach is a' mhaighdinn, Rinn e bòrd dhaibh a bha aibhseil [oillteil], Buntàta reòite, feòl gun saille, Steall do thì a ghabhadh [oillt'?] ort 'Ad 'ga roinn ann còmhl' ri aran. Thàinig [Sandy?] a-nall gu càirdeil, 'S labhair e le guth beag ri Màiri, Feuch gun marbh thu a' mholta bhàn, 'S a' cumail nàire ris na fearaibh. Cha mharbh mise a' mholta bhàn, 'S an t-acras agus tàir a fhuair Mun do dh'àraich mi 'n Tanaidh. Thàinig a' fleasgach is a' mhaighdinn, Rinn e bòrd a bha aibhseil [oillteil], Buntàta reòite is [roillichean soidhne ort/ feòil gun saille?] Steall do thì is—aran-coirc' dhe'n pàigh stylish, Bha 'ga roinn an taidhm an Tanaidh. Pàirt dha 'n a thàinig a-nuas ann, Thug iad leò an t-aran buailtean, Bha aca 'ga choimhead dha na h-uaislean, A bha mun chuairt air a' [bruthach/rubh'?] a' chladaich. Dar a ràinig 'ad a' léig 'ud, Chuir e iongantas air pàirt dhiubh, Thàinig Dòmhnull Ruadh, a' ghàrlach, 'S chuir e an [daga?] bàn ri Annie.