Am Baothaire
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF316i02 AM BAOTHAIRE
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
A' sgeula seo, 's e "Baothaire" an t-ainm a thug sinn air a' naidheachd a bh' ann, air a' sgeul agus 's ann aig bean 'Illeasbuig 'Ic Uaraig a chuala mi an rann seo. Agus b' e nighean do dh'ighinn òg Mac Iain Dhiarmaid a bh' innte, bean a' Chaimbeulach mu 'n do phòs i MacUaraig. Agus bha i fhéin uabhasach tapaidh a's an dòigh sin. Bha i riamh gu math soilleir mu 'n ghnothach a thaobh nuair a bha Gilleasbuig MacUaraig air fàs dìochuimhneach.
Bhiodh e 'g aithris na' sgeulachd agus iomadh uair a chanadh e, "Deamar a bha—deamar a bha sin a-nist a' dol, a bhean?" Agus chuireadh ise—chuireadh i—shuidheachadh i air n-ais le a bhith cluinntinn na sgeulachdan cho tric. Agus sin mar a bhiodh i fhéin ag ionnsachadh sgeulachdan beaga.
Agus 's i—b' an oidhche sin a chuala mi—a' chiad uair a chuala mi riamh "Cailleach nan Cnò agus Tàillear nan Clàr," b' is' a' chiad aon a chuala mi a dh'ainmich a' sgeulachd seo ach co-dhiù a' sgeulachd mu dheidhinn a' Bhaothaire, tha e coltach gu robh mhàthair a' dol a dheanamh taigeis agus dh'fheumte goireasan fhaighinn—ri fhaotainn airson a' taigeis agus bha i 'ga chur-san air falbh a dh'iarraidh grùthan no sgamhan.
Agus bha e cho mì-dhòigheil 's dh'fheumadh e bhith 'g obair air seo a chantail airson 's gun cumadh e cuimhne air gu dé a bha dol. 'S bha e falbh a' rathaid 's e 'g éigheach, "Grùthan is sgamhan; grùthan is sgamhan." Agus gu dé thachair ris ach torradh, feadhainn a' falbh 's 'ad dol a thìodhlacadh seann—seann-bhoireannach a chaochail.
Agus dh'fhaighnich fear dhiubh, "An e grùthan is sgamhan a' caillich?" Agus cha robh an còrr [bhuair?] ann. 'S ann a thuirt e gura h-e 's cha robh ach, "Bualaibh am baothaire is leagaibh am baothaire is marbh am baothaire."
"'S gu dé eile a bheir mi?" ars' am baothaire.
"Nach can thu, sìth dha h-anam." Agus dh'fhalbh e an uair sin sìos a' rathad 's e cantail, "Sìth dha h-anam. Sìth dha h-anam."
Agus nuair a—nuair a bha e dol sìos a' rathad bha feadhainn ann a' sin agus 'ad a' toirt làir a chaidh ann a'—ann am bogadh no ann am fèith mar bheirte. Bha iad 'ga toirt ás, a' feuchainn an dìcheall agus esan ag éigheach, "Sìth dha h-anam. Sìth dha h-anam-s'."
O thugadh an aghaidh air 's cha robh ach, "Buailibh am baothaire 's leagaibh am baothaire 's marbha am baothaire."
"'S gu dé eile a bheir mi," ars' a'—ars' am baothaire.
"An dàrna cas a thighinn ás mar a thàinig an téile," arsa fear dhiubh.
'S dh'fhalbh esan sìos an t-sliabh 's e 'g éigheach, "An dàrna cas a thighinn ás mar a thàinig an téile." 'S fada no goirid an deach e, thàinig e far robh 'ad—feadhainn ann a' sin agus 'ad an deoghaidh galla a chrochadh 's bha 'ad 'ga tìodhlaiceadh ann a' sloc.
'S bha esan ag éigheach, "An dàrna cas a thighinn ás mar a thàinig an téile." 'S o, "Buailibh am baothaire is leagaibh am baothaire, marbh am baothaire."
'S gu dé eile a bheir mi?" ars' am baothaire.
"Bheir thu," os, os—arsa fear aca, "Nuair théid i sìos gun i thighinn a-nuas." Agus lean e roimhe sìos air an t-slighe gus an d' thàinig e gu pàirce agus—achaidh a's a' robh 'ad a' cur cruinneachd no gràn air choireigin is esan ag éigheach, "Nuair a théid i sìos gun i thighinn a-nuas," agus cha robh ach, "Buailibh am baothaire is leagaibh am baothaire is marbhadh am baothaire," agus sin mar a theirig a' sgeul.
Notes (fieldnotes):
[Source:] "CÉIT IAIN ÒIG 'IC IAIN DHIARMAID NICUARAIG"