An t-Òigear Uallach
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF314i04 AN T-ÒIGEAR UALLACH
Beulaiche: Dan Eós MacNìll | Dan Joe MacNeil
[Séist:] 'S e 'n t-òigear uallach a sheòl far chuan uainn
Rinn m' fhàgail truagh dheth 's a luaisg mo chridh'.
A fhleasgaich uasail a' leadain dualaich,
Tha mi fo ghruaim o'n a dh'fhàg thu mi.
Nuair thig a' samhradh le 'thrusgan grianail
A' sgeadaich ghlinn agus binn le 'lìth ud,
Cha tog e fonn air' mo chridhe trom-sa;
Tha 'n saoghal lom leam o'n dh'fhàg thu mi.
Le sin mar b' àbhaist an uair bu ghnàth dhuinn,
Bhi 'n glaic mo ghràdhaich air sgàth na frìth;
An duilleach uaine 'na sgàil mu'n cuairt dhuinn,
'S a thrusgan snuadhmhor mu bhruaich a' ghlìnn.
An coireal ceòlar air feadh nan cròc-mheur,
'S an t-eas gu bòidheach a' dòrtadh stìll;
Tha 'n crodh air àilean, 'san teas 'gan sàrach,
'S na laoigh le h-àilleas ri h-àbhachd dhuinn.
[BREAK IN TAPE]
An sin b' e m' àilleas a' choill' 's na blàithean,
'S bhi tathaich fàsaich a's sgàil na frìth,
Le m' òigear àluinn, do 'n d' thug mi 'n gràdh sin,
A dhùisg dhomh cràdh nuair a dh'fhàg e 'n mi
An t-òigear àillidh a sheòl far sàile
Gu fonn Astràilia an àraich mhìn;
Gun leag e sàrach air m' uchd-sa 'n-dràsta,
A chuir an càs mi o'n dh'fhàg e 'n tìr.
Reference sources:
The Celtic Lyre, ed. Henry Whyte (1898), p. 68