GF314i04 AN T-ÒIGEAR UALLACH Beulaiche: Dan Eós MacNìll | Dan Joe MacNeil [Séist:] 'S e 'n t-òigear uallach a sheòl far chuan uainn Rinn m' fhàgail truagh dheth 's a luaisg mo chridh'. A fhleasgaich uasail a' leadain dualaich, Tha mi fo ghruaim o'n a dh'fhàg thu mi. Nuair thig a' samhradh le 'thrusgan grianail A' sgeadaich ghlinn agus binn le 'lìth ud, Cha tog e fonn air' mo chridhe trom-sa; Tha 'n saoghal lom leam o'n dh'fhàg thu mi. Le sin mar b' àbhaist an uair bu ghnàth dhuinn, Bhi 'n glaic mo ghràdhaich air sgàth na frìth; An duilleach uaine 'na sgàil mu'n cuairt dhuinn, 'S a thrusgan snuadhmhor mu bhruaich a' ghlìnn. An coireal ceòlar air feadh nan cròc-mheur, 'S an t-eas gu bòidheach a' dòrtadh stìll; Tha 'n crodh air àilean, 'san teas 'gan sàrach, 'S na laoigh le h-àilleas ri h-àbhachd dhuinn. [BREAK IN TAPE] An sin b' e m' àilleas a' choill' 's na blàithean, 'S bhi tathaich fàsaich a's sgàil na frìth, Le m' òigear àluinn, do 'n d' thug mi 'n gràdh sin, A dhùisg dhomh cràdh nuair a dh'fhàg e 'n mi An t-òigear àillidh a sheòl far sàile Gu fonn Astràilia an àraich mhìn; Gun leag e sàrach air m' uchd-sa 'n-dràsta, A chuir an càs mi o'n dh'fhàg e 'n tìr.