Mo luaidh a chunna mi 'n-diugh
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF312i04 MO LUAIDH A CHUNNA MI 'N-DIUGH
Beulaiche: Fionnlagh Dhòmhnaill Alasdair | Philip MacDonald
[Séist:] Mo luaidh a chunna mi 'n-diugh,
Gu luath leam gun d' dhealaich sinn,
Mo luaidh a chunna' mi an-diugh,
Gur muladach a tha mi.
Gur mise a tha fo éislein,
'Sa mhadainn is mi 'g éirigh,
Geamhradh grinn a [b' éiste/b'fheàirrde?] mi,
Nam éiginn 's mi gun bhàta.
'S bu tric 'dol sìos is suas mi,
Dol thairis thar a' bhuailidh,
Chan fhaca mi is cha chualas,
Na b' uaisle na mo ghràdh-sa.
'S bu turus dha'n [bhuantrachd?],
B' e [t-athair/tathaidh?] a [bhuin/bhuair?] mi,
Le [cuigheag/shoitheag?] on a chuan mi,
Gu druim na stuadh a b' àirde.
Is bu tric aig ceann do chiste [maol?],
Mi leughadh do chuid litrichean,
An gaol a bha gun fhiosd againn,
Tha fhios a-nis aig càch air.
Ged theanninn-sa le d' [iomladh?],
Cha b' aithne dhomh, cha b' urrainn dhomh,
'S ann dhut 's a thug mi an urram,
Nuair a chunna' mi nad phàisde thu.
Cha do throid thu riamh leam,
Cha b' aithne dhut 'ga dhèanadh,
Ach nuair a bhiodh càch le [miallach/mi-eòlach?],
Bhiodh tusa 's fiamh a ghàir' ort.
'S e thusa bhith cho bòidheach,
Is mise bhith cho gòrach,
'S nan tadhlainn 'san taigh-òsta,
Gun òlainn do dheagh shlàinte.
Is bha thusa luchd nan uaislean,
Bha mise luchd na tuaithe,
Is gun robh thu deanadh suas leam,
Gun d' fhuair thu ann a' sàs mi.
Is bu toilichte a bhitheadh m' inntinn,
Nuair bhiodh tu an ceann na ruidhle,
Is tusa seinn na fìdhle,
Do ribhinn dhonn nam blàth-shùil.
Is cha chan mi fhìn ged 's fheudar dhomh,
Gun tug mi gaol seach té eile dhut,
'S gum b' fhearr leam a's do léine thu,
Na an tè sam biodh an [gràbhan?].
Is gun tug 'ad orm gum b' éiginn dhomh,
Bith falbh ag iarraidh teicheadh dhut,
Is gum b'fheàrr leam 'san droch eudach thu,
Na té sam biodh an [gràbhan?].