Back to recordings

A' Choille Ghruamach

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF310i03 A' CHOILLE GHRUAMACH


Beulaiche: Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw
Bàrd: Iain Ailein, Bàrd Thighearna Cholla, Am Bàrd MacGilleEathain, Bàrd Amhainn Bhàrnaidh | John MacLean


Gu bheil mi 'm ònar 'sa choille ghruamach,
Mo smaointean luaineach, cha thog mi fonn,
A fhuair mi 'n t-àite dha 'n t-aghaidh nàdair,
Gun thréig gach tàlant a bha 'nam cheann,
Cha dèan mi òran a chur air dòigh dhut,
Mur nì mi tòiseachadh bidh mi trom,
O 'n chaill mi Ghàidhlig seach mar a b' àbhaist,
Nuair a bha mi 'san dùthaich thall.


Chan fhaigh mi m' inntinn dhuibh ann an òrdan,
Ged bha mi eòlach air dèanamh rann,
'S a lùghdaich sòlas a mheudaich bròn dhomh,
Gun duine còmhl' rium a nì rium cainnt;
Gach latha 's oidhche 's car a nì mi,
Bidh mi 'cuimhneachadh anns gach àm,
An tìr a dh'fhàg mi an taic an t-sàile,
Ged tha mi 'n-dràst' ann am bràighe ghleann.


Ged bhithinn dìcheallach ann an sgrìobhadh,
Gun togainn mìosan ris 's còrr,
Mun cuir mi sìos dhiubh na th' air m' inntinn,
Mun toir mi dhuibh e le roinn mo bheòil,
Tha mulad dìomhair an deis mo lìonadh,
'S éiginn strìochdadh a' seo ri 'm bheò,
Air bheag toil-inntinn 'sa choille chruinn seo,
Gun duine faighneachd a' seinn mi ceòl.


Chan e a b' àbhaist an tùs mo làithean,
'S ann bhithinn ràbhartach mu 'n a' bhòrd,
Gu cridheil sunndach an comunn cliùiteach,
Ruith na h-ùine 's gun chùram oirnn;
Nuair thug mi cùl ribh air mi 'gur n-ionndrainn,
Shil mo shùilean gu dlùth le deòir,
Air moch DiArdaoin a' dol sìos an caolas,
An long fo h-aodach 's ghaoth 'na còir.


Notes (fieldnotes):
"FRAGMENT: AIR"

Reference sources:
Clàrsach na Coille, ed. Alexander MacLean Sinclair (1881), p. 98

John Shaw
Abhainn a' Chùbair | Indian Brook 55 recordings Faic pròifil | view profile