GF310i03 A' CHOILLE GHRUAMACH Beulaiche: Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw Bàrd: Iain Ailein, Bàrd Thighearna Cholla, Am Bàrd MacGilleEathain, Bàrd Amhainn Bhàrnaidh | John MacLean Gu bheil mi 'm ònar 'sa choille ghruamach, Mo smaointean luaineach, cha thog mi fonn, A fhuair mi 'n t-àite dha 'n t-aghaidh nàdair, Gun thréig gach tàlant a bha 'nam cheann, Cha dèan mi òran a chur air dòigh dhut, Mur nì mi tòiseachadh bidh mi trom, O 'n chaill mi Ghàidhlig seach mar a b' àbhaist, Nuair a bha mi 'san dùthaich thall. Chan fhaigh mi m' inntinn dhuibh ann an òrdan, Ged bha mi eòlach air dèanamh rann, 'S a lùghdaich sòlas a mheudaich bròn dhomh, Gun duine còmhl' rium a nì rium cainnt; Gach latha 's oidhche 's car a nì mi, Bidh mi 'cuimhneachadh anns gach àm, An tìr a dh'fhàg mi an taic an t-sàile, Ged tha mi 'n-dràst' ann am bràighe ghleann. Ged bhithinn dìcheallach ann an sgrìobhadh, Gun togainn mìosan ris 's còrr, Mun cuir mi sìos dhiubh na th' air m' inntinn, Mun toir mi dhuibh e le roinn mo bheòil, Tha mulad dìomhair an deis mo lìonadh, 'S éiginn strìochdadh a' seo ri 'm bheò, Air bheag toil-inntinn 'sa choille chruinn seo, Gun duine faighneachd a' seinn mi ceòl. Chan e a b' àbhaist an tùs mo làithean, 'S ann bhithinn ràbhartach mu 'n a' bhòrd, Gu cridheil sunndach an comunn cliùiteach, Ruith na h-ùine 's gun chùram oirnn; Nuair thug mi cùl ribh air mi 'gur n-ionndrainn, Shil mo shùilean gu dlùth le deòir, Air moch DiArdaoin a' dol sìos an caolas, An long fo h-aodach 's ghaoth 'na còir.