Back to recordings

Eilean an Fhraoich

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF310i02 EILEAN AN FHRAOICH


Beulaiche: Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw
Bàrd: Murdock MacLeod | Murchadh a' Cheisteir


[Séist:] O chiall nach mise bha 'n Eilean a' Fhraoich
Nam fiadh, nam bradan, nam feadag nan naosg,
Nan lochan, gu òban, nan oiseannan caol,
Eilean innis nam bò, àite còmhnuidh nan laoch.


'N àm éirigh na grèin' bidh sléibhtean bidh ceò,
Bidh bhanarach ghuanach, le bhuarach na dòrn,
S i gabhail a duanaig a' cuallach nam bò,
Mac-talla nan creag a' toirt freagairt d' a ceòl.


'S an t-eilean a's maisich, a's pailt ann am biadh,
'S e 'n t-eilean a's àillte air na shoillsich a' ghrian;
'S e eilean mo ghràidh a bha Ghàidhlig ann riamh,
Chan fhalbh e gu bràth gus an tràigh an Cuan Siar.


Air feasgar an t-samhraidh bidh sunnd air gach spréidh;
Bidh a' chuthag is fonn oirr' ri òran dhi fhéin:
Bidh 'n uiseag air lònan 'is smeòrach air géig,
Air cnuic ghlas' is leòidean uain òga a' leum.


Air feasgar an Gheamhraidh, air tionnar dha 'n ghrian,
Toirt òrdugh do 'n chlann bhiodh gach seann duine liath.
Bidh gach iasgair le shnàthad a' càradh a lìon,
Gach nighean ri càrdadh 's a màthair ri snìomh.


Gach duine bha riamh ann bu chiatabhach dhà
Gach ainmhidh air sliabh, chan iarr ás gu bràth
An t-eun théid air sgiath ann, bu mhiann leis ann tàmh
'S bu mhiann le gach iasg a bhith cliathadh ri 'n tràigh.


'S nam bithinn 's nam badan mar a chleachd mi bhith òg
Bhith dìreadh nan creagan gu neadan na h-eòin
On thàna mi Glaschu tha m' aigne fo bhròn
Mi call mo chuid chlaistneachd le glagraich nan òrd


Chan fhacas air thalamh leam sealladh bu bhòidhch'
Na a' ghrian a' dol sìos air taobh siar Eilean Leòdhais;
An crodh-laoigh as an luachair 's am buachaill nan tòir,
Gan tional gu àirigh le àl de laoigh òg'.


Notes (fieldnotes):
"PANEGYRIC"

Reference sources:
Eilean Fraoich: Lewis Gaelic Songs and Melodies, Comunn Gàidhealach Leòdhais (1982), p. 3

John Shaw
Abhainn a' Chùbair | Indian Brook 55 recordings Faic pròifil | view profile