GF310i02 EILEAN AN FHRAOICH Beulaiche: Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw Bàrd: Murdock MacLeod | Murchadh a' Cheisteir [Séist:] O chiall nach mise bha 'n Eilean a' Fhraoich Nam fiadh, nam bradan, nam feadag nan naosg, Nan lochan, gu òban, nan oiseannan caol, Eilean innis nam bò, àite còmhnuidh nan laoch. 'N àm éirigh na grèin' bidh sléibhtean bidh ceò, Bidh bhanarach ghuanach, le bhuarach na dòrn, S i gabhail a duanaig a' cuallach nam bò, Mac-talla nan creag a' toirt freagairt d' a ceòl. 'S an t-eilean a's maisich, a's pailt ann am biadh, 'S e 'n t-eilean a's àillte air na shoillsich a' ghrian; 'S e eilean mo ghràidh a bha Ghàidhlig ann riamh, Chan fhalbh e gu bràth gus an tràigh an Cuan Siar. Air feasgar an t-samhraidh bidh sunnd air gach spréidh; Bidh a' chuthag is fonn oirr' ri òran dhi fhéin: Bidh 'n uiseag air lònan 'is smeòrach air géig, Air cnuic ghlas' is leòidean uain òga a' leum. Air feasgar an Gheamhraidh, air tionnar dha 'n ghrian, Toirt òrdugh do 'n chlann bhiodh gach seann duine liath. Bidh gach iasgair le shnàthad a' càradh a lìon, Gach nighean ri càrdadh 's a màthair ri snìomh. Gach duine bha riamh ann bu chiatabhach dhà Gach ainmhidh air sliabh, chan iarr ás gu bràth An t-eun théid air sgiath ann, bu mhiann leis ann tàmh 'S bu mhiann le gach iasg a bhith cliathadh ri 'n tràigh. 'S nam bithinn 's nam badan mar a chleachd mi bhith òg Bhith dìreadh nan creagan gu neadan na h-eòin On thàna mi Glaschu tha m' aigne fo bhròn Mi call mo chuid chlaistneachd le glagraich nan òrd Chan fhacas air thalamh leam sealladh bu bhòidhch' Na a' ghrian a' dol sìos air taobh siar Eilean Leòdhais; An crodh-laoigh as an luachair 's am buachaill nan tòir, Gan tional gu àirigh le àl de laoigh òg'.