Back to recordings

O hù a ro hù a

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF309i06_310i01 HÙ A RO HÙ A


Beulaiche: Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw
Bàrd: Aonghus Mór Mac 'Illeain | Angus MacLean


[Séist:] Ó hù a rò hù a,
Hì ù a rò éilleadh,
Ó hù a rò hù a.


Gur e mis' tha bhochd, throm,
A dhol a phòsadh na seann-té,
'S truagh nach robh mi 'sa Fhraing,
Mu 'n do theannaich mi dhomh fhéin thu.


Gur e mise bhochd, cùramach,
A's a' mhadainn an àm dùsgadh,
Mi ri faicinn na crùbaig,
Air mo chùlthaobh gun éirigh.


Na gabh leannan gu bràth,
A bhios an aclais a màthair,
Bidh ceil ort a nàrach,
Chan fhaigh càch e ri leughadh.


Nighean donn a chùl chleachd,
Na gruaidhean deirge dathte,
Mi nach iarradh là beairteas,
Ach ceartas na cléire.


Nighean donn a chùl chiataich,
Na do ghnùis a bha a riaghladh,
Bho là chunna mi riamh thu,
B' e mo mhiann a bhith réidh riut.


Gura mise bhochd, throm,
A dhol a phòsadh na seann-té,
'S truagh nach robh mi 's a Fhraing,
Mu 'n do theannaich mi dhomh fhéin thu.


Chan e do bhrèaghad na do bhòidhchead,
Thug ormsa do phòsadh,
Ach buaireadh an òir a bha,
[Brònach?] 's a' bhréidean.


Gura mise fo ghlasan,
Bho 'n là chunna mi thu an toiseach,
Chan eil [ga reir/gnè?] riut ann am botal,
Ma 's e dotair a nì feum dhut.


Rinn mi coinneamh ri gruagach,
A bha ceanalta stuama,
Bha i aighearach uasal,
'Ga [gluasad?] deagh bheusan.


Ged nach eil mi cho [àraid/àillidh?],
[A nì/Dheanainn?] sgiobair air bàta,
Stiùireadh [labhraidh/lann ri?] crann àirde,
Muigh air bhàrr nan tonn [beugadh?].


Nuair a dh'fhalbh sinn á Glasbaidh,
Cha robh cùmhnadh air cosgadh,
Dh'fhalbh mi fhìn air mo shocair,
Dh'iarraidh botal Jamaica.


[BREAK IN TAPE]


Nuair a ràinig sinn am Bàrr,
Bha mi fhìn a' fàs dàna,
Chaidh mi dh'fhaighneach Kennie Àrd,
Cuine a dh'fhàgadh e Weymouth.


Thuirt e rium, "Tha sinn gu dòigheil,
Gu robh shìde deas airson seòladh,
Gu robh a h-uile nì air bòrd innt',
[Gach feòrlain?] a bha dh'éis innt'."


Dh' fhalbh mi fhìn is mo bhràthair,
Gu àit' an dithis [smàlan?],
Fhuair sinn trosg is buntàta,
Agus fàileadh de ghravy.


Ged a thigeadh i teann oirnn,
Tighinn a-steach gu Bhanca Fhrangaich,
Nì i smogadh gun taing dha,
No greim air an table.


Chan eil thu [dearcan?] plangaid,
Air a chuireadh an ceann i,
Ach an canabhas dhonn,
'S a cùl teann nach dèan reubadh.







Notes (fieldnotes):
"ADDITIONAL VERSES BY ANGUS MACLEAN, INDIAN BROOK"

John Shaw
Abhainn a' Chùbair | Indian Brook 55 recordings Faic pròifil | view profile