GF309i06_310i01 HÙ A RO HÙ A Beulaiche: Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw Bàrd: Aonghus Mór Mac 'Illeain | Angus MacLean [Séist:] Ó hù a rò hù a, Hì ù a rò éilleadh, Ó hù a rò hù a. Gur e mis' tha bhochd, throm, A dhol a phòsadh na seann-té, 'S truagh nach robh mi 'sa Fhraing, Mu 'n do theannaich mi dhomh fhéin thu. Gur e mise bhochd, cùramach, A's a' mhadainn an àm dùsgadh, Mi ri faicinn na crùbaig, Air mo chùlthaobh gun éirigh. Na gabh leannan gu bràth, A bhios an aclais a màthair, Bidh ceil ort a nàrach, Chan fhaigh càch e ri leughadh. Nighean donn a chùl chleachd, Na gruaidhean deirge dathte, Mi nach iarradh là beairteas, Ach ceartas na cléire. Nighean donn a chùl chiataich, Na do ghnùis a bha a riaghladh, Bho là chunna mi riamh thu, B' e mo mhiann a bhith réidh riut. Gura mise bhochd, throm, A dhol a phòsadh na seann-té, 'S truagh nach robh mi 's a Fhraing, Mu 'n do theannaich mi dhomh fhéin thu. Chan e do bhrèaghad na do bhòidhchead, Thug ormsa do phòsadh, Ach buaireadh an òir a bha, [Brònach?] 's a' bhréidean. Gura mise fo ghlasan, Bho 'n là chunna mi thu an toiseach, Chan eil [ga reir/gnè?] riut ann am botal, Ma 's e dotair a nì feum dhut. Rinn mi coinneamh ri gruagach, A bha ceanalta stuama, Bha i aighearach uasal, 'Ga [gluasad?] deagh bheusan. Ged nach eil mi cho [àraid/àillidh?], [A nì/Dheanainn?] sgiobair air bàta, Stiùireadh [labhraidh/lann ri?] crann àirde, Muigh air bhàrr nan tonn [beugadh?]. Nuair a dh'fhalbh sinn á Glasbaidh, Cha robh cùmhnadh air cosgadh, Dh'fhalbh mi fhìn air mo shocair, Dh'iarraidh botal Jamaica. [BREAK IN TAPE] Nuair a ràinig sinn am Bàrr, Bha mi fhìn a' fàs dàna, Chaidh mi dh'fhaighneach Kennie Àrd, Cuine a dh'fhàgadh e Weymouth. Thuirt e rium, "Tha sinn gu dòigheil, Gu robh shìde deas airson seòladh, Gu robh a h-uile nì air bòrd innt', [Gach feòrlain?] a bha dh'éis innt'." Dh' fhalbh mi fhìn is mo bhràthair, Gu àit' an dithis [smàlan?], Fhuair sinn trosg is buntàta, Agus fàileadh de ghravy. Ged a thigeadh i teann oirnn, Tighinn a-steach gu Bhanca Fhrangaich, Nì i smogadh gun taing dha, No greim air an table. Chan eil thu [dearcan?] plangaid, Air a chuireadh an ceann i, Ach an canabhas dhonn, 'S a cùl teann nach dèan reubadh.