Back to recordings

An Oidhche Bha Bhainis an Taigh Choinnich Dhuinn

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF309i05 AN OIDHCHE BHA BHAINIS AN TAIGH CHOINNICH DHUINN


Beulaiche: Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw
Bàrd: Niall mac Dhòmhnaill nan Òran | Neil MacLeod


[Séist:] Ho ro al al ó agus ó ho ro ì,
Ho ro al al ó agus ó ho ro ì,
Ò illirinn ó thog i ó ho ro ì,
Cha mhór nach bu choma leam cogadh ri sìth.


'S an oidhche bha bhanais an taigh Choinnich Duinn,
Chunna mi caileag bha ceanalta grinn,
Bha i cho lurach ri dh'òran 's i seinn,
Bha mise mu coinneimh 's mi togail an fhuinn.


Thug mis' a-mach i gu fasgadh an t-àm,
Bha solas na gealaich gu geal bhos ar cinn,
Thug mi dhi gealladh mur 'n rachainn do 'n chill',
Gum biodh i bho Shamhain 'na bean agam fhìn.


Chum nise mo ghealladh ri Anna NicCuinn,
Mu 'n tàinig a' Challainn gun robh i 'na mnaoi,
Cha robh i cho lurach no idir cho grinn,
'S a bha i mu mo choinneimh an taigh Choinnich Duinn.


'N àm éirigh 'sa mhadainn bidh Anna cho tinn,
Cha tig i á leabaidh gu faigh i gu tì,
Bheir i sin tacan a' tachais a cinn,
Ma chanas mi facal bidh 'm bat' air mo dhruim.


Bheir mise gealladh do bhalaich na tìr,
Nuair gheibheadh 'ad gu banais is drama 'nan cinn,
Gun a toirt gealladh do chaileag sam bith,
Gun fhios aca idir có ás no có i.



Reference sources:
Clàrsach an Doire: Dàin agus Òrain, Niall MacLeòid (1883), p. 86

John Shaw
Abhainn a' Chùbair | Indian Brook 55 recordings Faic pròifil | view profile