GF309i05 AN OIDHCHE BHA BHAINIS AN TAIGH CHOINNICH DHUINN Beulaiche: Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw Bàrd: Niall mac Dhòmhnaill nan Òran | Neil MacLeod [Séist:] Ho ro al al ó agus ó ho ro ì, Ho ro al al ó agus ó ho ro ì, Ò illirinn ó thog i ó ho ro ì, Cha mhór nach bu choma leam cogadh ri sìth. 'S an oidhche bha bhanais an taigh Choinnich Duinn, Chunna mi caileag bha ceanalta grinn, Bha i cho lurach ri dh'òran 's i seinn, Bha mise mu coinneimh 's mi togail an fhuinn. Thug mis' a-mach i gu fasgadh an t-àm, Bha solas na gealaich gu geal bhos ar cinn, Thug mi dhi gealladh mur 'n rachainn do 'n chill', Gum biodh i bho Shamhain 'na bean agam fhìn. Chum nise mo ghealladh ri Anna NicCuinn, Mu 'n tàinig a' Challainn gun robh i 'na mnaoi, Cha robh i cho lurach no idir cho grinn, 'S a bha i mu mo choinneimh an taigh Choinnich Duinn. 'N àm éirigh 'sa mhadainn bidh Anna cho tinn, Cha tig i á leabaidh gu faigh i gu tì, Bheir i sin tacan a' tachais a cinn, Ma chanas mi facal bidh 'm bat' air mo dhruim. Bheir mise gealladh do bhalaich na tìr, Nuair gheibheadh 'ad gu banais is drama 'nan cinn, Gun a toirt gealladh do chaileag sam bith, Gun fhios aca idir có ás no có i.