Back to recordings

Òran nam Bòtainnean

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF309i04 ÒRAN NAM BÒTAINNEAN


Beulaiche: Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw
Bàrd: George MacAskill


[Séist:] Tha buaidh air an uisge-bheath',
Tha buaidh air nach ghabh i cléith,
Tha buaidh air an uisge-bheath',
'S gun òlainn teth is fuar e.
'S an cuala sibh na bòtainnean?
'S e Calum rinn dha Seòras 'ad,
Tha còrr air dusan òirleach annt,'
Gur na bòys 'ad gu buaileadh.
Nuair chuireadh e air na bòtainnean,
'S e air gabhail cros am pòna leò,
Chan iarradh e a shòlasach,
Bhith seòladh feadh a' chuain leò.
'S nuair chuireadh e dheth na bòtainnean,
'S a chuireadh e dha 'n a' chòrner 'ad,
Gu làthair a chur chuid òrdagan,
Gur bòidheach anns na h-uachdar.
'S mar a chum thu tallow orra,
Fàsaidh 'ad cho greannach ort,
Nach fhaigh thu 'mach do chasan 'ad,
Mur tarruing thu ás na cluasan.


'S cha chan mi 'n còrr an-dràsda riut,
Mus gabh thu an droch-nàdur rium,
Gu faodaidh tu no [Solanach?],
Cur charan 'na mo chruachan.



John Shaw
Abhainn a' Chùbair | Indian Brook 55 recordings Faic pròifil | view profile