GF309i04 ÒRAN NAM BÒTAINNEAN Beulaiche: Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw Bàrd: George MacAskill [Séist:] Tha buaidh air an uisge-bheath', Tha buaidh air nach ghabh i cléith, Tha buaidh air an uisge-bheath', 'S gun òlainn teth is fuar e. 'S an cuala sibh na bòtainnean? 'S e Calum rinn dha Seòras 'ad, Tha còrr air dusan òirleach annt,' Gur na bòys 'ad gu buaileadh. Nuair chuireadh e air na bòtainnean, 'S e air gabhail cros am pòna leò, Chan iarradh e a shòlasach, Bhith seòladh feadh a' chuain leò. 'S nuair chuireadh e dheth na bòtainnean, 'S a chuireadh e dha 'n a' chòrner 'ad, Gu làthair a chur chuid òrdagan, Gur bòidheach anns na h-uachdar. 'S mar a chum thu tallow orra, Fàsaidh 'ad cho greannach ort, Nach fhaigh thu 'mach do chasan 'ad, Mur tarruing thu ás na cluasan. 'S cha chan mi 'n còrr an-dràsda riut, Mus gabh thu an droch-nàdur rium, Gu faodaidh tu no [Solanach?], Cur charan 'na mo chruachan.