Back to recordings

Ailein Duinn an Till Thu an Taobh-sa?

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF309i03 AILEAN DUINN AN TILL THU AN TAOBH-SA?


Beulaiche: Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw


[Séist:] Ailean Duinn an till thu 'n taobh-sa
Rìthill a bho hi rìthill iù
O Ailean Duinn an till thu 'n taobh-sa


Ailean Duinn a' bhroillich shoilleir,
Shiùbhlainn coille goirid, dlùth leat.


Ailean 's a ghunn' air a ghualaibh,
'S luath-làmhach chaidh e 'ga ghiùlan.


Ailean Duinn a' bhroillich glé gheal,
Às do dhéidh tha mise tùrsach.


Tha Ailean aca ri balla,
Tha an toil aca ga mhùchadh.


Ailean Duinn, a laoich 'sa ghaisgich,
'S trom a' sac tha mi ri giùlan.


Dh' fhàg thu sac trom air mo chridhe,
Cha tog fìdheall e no trùmbaid.


Cha tog fidheall e no clàrsaich,
Na pìob àrd nam feadan siùbhlach.


'S truagh nach robh mi 'n taigh na dibhe,
Ragainn dithis, leagainn triùir ann.


'S truagh nach robh mi 'san taigh òil,
An àm nan dòrn a bhith 'gan dùineadh.


Dh'fheuchainn dòrn air mac mo nàbaidh,
Dh'fhàgainn càch air bheagan ùiseil.




Thus' a' mire ris an fhìdhlear
S an fhìdhleir mhór òl na drùdhadh.


Fhad 's a dheanainn fhìn 'san t-eallach,
Cha leigeadh a ghràidh am bùrn thu.


Nam biodh fhios ann aig do mhàthair,
Gu robh oirnn a ghràidh an drùdhadh.


'S ann ‘s deach thu anchor Fhrangaich,
‘S iad nam ball is ac’ ag ùiseil.


Bàta ruadh le coire dearg oirr',
'S i dheanadh an fhairge mùrach.






Reference sources:
Songs Remembered in Exile, ed. John Lorne Campbell (1990), p. 126

John Shaw
Abhainn a' Chùbair | Indian Brook 55 recordings Faic pròifil | view profile