Back to recordings
'S Gann Gun Till Sinn A Chaoidh
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF290i02 'S GANN GUN TILL SINN A CHAOIDH
Beulaiche: Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw
[Séisd:] 'S gann gun till sinn a chaoidh
Dh' fhàg siud m' inntinn fo mhulad
'S gann gun till sinn a chaoidh
Bliadhna air fhichead mìos 's roimhe a ghaoil
Tha mi 's gum bheil fhios air ghille dhuibh
'Nochd tha sinn air tìr nan Éirinn
B' fheudar dhuinn an ceum a chumail
'Nochd tha sinn air tìr nan Ìleach
Fhuair sinn nigheanag 'laigh fo 'n ùr-fhàs
'Nochd tha sinn air tìr 'san Òban
Chaill sinn ar luchd-eòlais uileadh
'Nuair chaidh an adharc a shéideadh
'S ann a dh' éirich falt mo mhulaid