Back to recordings

Comharra air Geamhradh

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF309i01 COMHARRA AIR GEAMHRADH


Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil


A bhith a' seanchas mu dheoghainn comharran air geamhradh agus air sìde, tha beachd agam air a bhi air feasgar foghair air chéilidh air Niall MacÌosaig, Niall Ruaraidh Iain Ruaraidh, 's e Niall Ruaraidh Shìm, chaidh Ruaraidh a thogail còmh', 'g àrach an taigh bràthair a mhàthar, àite Sìm, Sìm MacIllÌosa, Sìm an Tàilleir.
Co-dhiù, thuirt mi ri Niall nach robh fhios gu dé seòrsa geamhradh a bha dol a bhith ann am bliadhna, nach robh barail agam fhín air gu robh e dol a bhith math.
"O," ars esan rium, "chan eil comharra math idir air," ars esan. "Chuala mi 'ad daonnan a' cantail gura h-e droch comharra a bh' ann gailleann le clach-mheallain."
Agus air a' feasgar a bha siud, rinn i, rinn i dearrsach do shìde, 's e clach mheallain a bha tuiteam, cha b' e sneachd a bh' ann ach clach mheallain. Agus bhiodh esan ag ràidhinn gun cuala 'ad tric ag ràidhinn nuair a thigeadh a' comharr' air a' gheamhradh le stoirm beaga sneachda thighinn gun robh robh e na b' fheàrr comharra na tighinn le clach mheallain.


Joe Neil MacNeil
An Rubha Meadhanach | Middle Cape 583 recordings Faic pròifil | view profile