Back to recordings

An gad air an robh an t-iasg

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF308i17N AN GAD AIR AN ROBH AN T-IASG


Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil


Agus bha gnàth-chainnt eile aca, agus 's e, ma bha duine anmoch a' dol tighinn gu bargan no gu sian agus agus gu robh an gnothach air a dhol seachad mun d' fhuair e thuige, chanadh 'ad nach robh aige ach an gad air an robh an t-iasg, bha an gnothach air a dhol seachad. Agus 's ann aig Calum MacIllEathain, Calum Iain Chaluim, a chuala mi siud, turas, is 's e mo chuimhne air, ach tha mi smaointinn gun cuala mi 'ad ga leughadh no ma dh'fhaoidte ann an gnàth fhàcail, ach tha cuimhn' agam glé mhath air.



Notes (fieldnotes):
"SOURCE: CALUM ('IAIN CHALUIM') MAC'ILLEAIN."

Joe Neil MacNeil
An Rubha Meadhanach | Middle Cape 583 recordings Faic pròifil | view profile