An té aig nach 'toirt gnothach dhan bhaile mhór, bheir i gnothach as
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF308i08N AN TÉ AIG NACH 'TOIRT GNOTHACH DHAN BHAILE MHÓR, BHEIR I GNOTHACH AS
Beulaiche: Seumas mac Aonghais ‘ic Alasdair Iain | Jimmy Collins
O chionn—'s an t-seann-aimsir, tha còir gur ann thall 's an t-seann-dùthaich a thachair seo. O bha nighean òg, ciù—bha 'ad suas na boireannach, tha fhios agad, na deugaire (teenager). O bha nàdar car fiadhaich annta—innte.
Uell, bhiodh i 'falbh gun iarraidh na gun chead is co-dhiù. Uell, bha 'ad a' cumail an deagh smachd air an òigear a's an àm ud co-dhiù ach tha teansa gun deach i air turas co-dhiù. Theich i air falbh. Choisich i dhan bhaile mhór. Tha teansa gun d' fhuair i ann an trioblaid. Dh'fheumadh i tighinn dhachaidh co-dhiù. Tha teansa gu robh i torrach, tha fhios agad. Dh'fheumadh i tighinn dhachaidh air a' cheann bho dheireadh. Nuair a thàinig i dhachaidh thuirt i, "An té aig nach 'toirt gnothach dhan bhaile mhór, bheir i gnothach as."