Òran na Làireadh
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF308i04N ÒRAN NA LÀIREADH
Beulaiche: Dan Rory Mhurchaidh | Dan Rory MacNeil
Bàrd: Eóghann mac Eardsaidh Sheumais , Hughie Eairdsaidh | Hugh Francis MacKenzie
[Séist:] Hi ri ù il agus ó,
Mo chridhe trom 's cha chàraich e,
Cha tig na fithich 'am chòmhdhail,
As an dòigh 's na chailleadh mi.
'S iomadh àite a' robh mi riamh,
Bha mi shìos aig Glasbaidh,
Bha mi as a' bheinn ud shuas,
Gur h-iomadh gual a tharraing mi.
O nam biodh fhios a'm 'san àm,
Gur robh am bàs a' casadh orm,
Bha mi air fuireach 'sa mhéinn,
Is cinnteach gheibhinn caraide.
'S thug e mise mach dha 'n t-suampa,
'S bhuail e a's a' mhala mi,
'S cha tug mi ach leum no dhà,
Nuair fhuair mi bàs is [aineolas?].
'S bha na fithich mun cuairt,
Nuair bha an tuagh a' tarraing agam,
'S bha 'ad ag éigheach, gà-gà-gà,
Theàrlaich leig a bell e.
Now that's all I remember of it now. But maybe some other time, you know, if you were down.
Notes (fieldnotes):
"FRAGMENT: 4 VERSES"