Òran na Làireadh (na Ceanadaich)
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF308i01N ORAN NA LÀIREADH (NA CEANADAICH)
Beulaiche: Tormad Pheadair Ruairidh 'Illeasbuig | Norman MacLean
Bàrd: Aonghas Mór Mac'Illean | Angus MacLean
[Séist:] Och mar tha mi 's mi 'nam aonar,
A' siubhail choilltean far nach robh mi eòlach,
Moch a dh'fhalbh mi le Donnchadh Craosadh,
'S gun d' thug mo lùths asam Uilleam neònach.
Tacan beag ro dhol fodha na gréine,
Thàinig Séireag gu oir a' lòine,
Bha dùil leam fhìn gur e bh' innte lady,
Gus na dh'éibh i air Uilleam neònach.
Moch 'sa mhadainn chuir sibh srian orm,
Thug sibh sìos mi gu arca Noah,
Chuir sibh mis' ann a' rud a' riaghlaidh,
Gun dùil gu sìorraidh gun tiginn beò ás.
Chuir sibh mis' ann dha'n an eilean,
'S cha robh do bhiadh ann a chumadh beò mi,
Ach handspike ìosal gun a bh’ aca,
Gus an tàirgnean a h-uile lòd dhuibh.
Chuir sibh mis' ann dha'n a' choillidh,
Gun cheangailte mise ri sléighe lòid,
Ach nan tàirgnean mar bu mhiann leam,
Chuireadh sibh ceud orm agus córr.
Cha b' e siud e an obair a chleachd mi,
Ann a lathaichean m' òige,
Bhith tarraing pit phrops fad na seachdain,
'S a' dol dha 'n eaglais a h-uile Dòmhnach.
Ach 's tric bhith smaointeachadh air an àite,
Ás do dh'àraich mi lathaichean m' òige,
Far i bu shunndach mi falbh na sràide,
'Giùlan harness le bucaill òir oirr'.
Ach tha mi nisd ann am leabaidh tàmh ann,
An deannal fàth mar a fhuair mi sòlas,
Cha chùram orm a-màireach,
Gun cluinn mi càpraid nan Ceanadach neònach.