Ill ù ill inn ó ro éile
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF307i03 ILL Ù ILL INN Ó RO EILE
Beulaiche: Tormad Pheadair Ruairidh 'Illeasbuig | Norman MacLean
[Séist:] Ill ù ill inn ó ro éile,
Ill ù ill ó, ra hù a hó,
Ill ù ill inn ó ro éile.
Moch 'sa mhadainn rinn mi gluasad,
Chaidh mi 'mach á lag a' fhraoich uaine.
[INAUDIBLE] lag a' fhraoich uaine,
Is dhìrich mi mach a' bheinn ghruamach.
Nuair thàna mi lag a' fhraoich uaine,
'S dhìrich mi mach tobar an fhuarain.
Ràna mi tobar an fhuarain,
Dhìrich mi a-mach a' bheinn ghruamach.
Dhìrich mi a-mach a bheinn ghruamach,
Chaidh mi timcheall air a' bruthachadh.
Chaidh mi timcheall air a' bruathachadh,
Chìr mi mo cheann is dh'fhag mi gruag ann.
—cheann na gruaig ann,
'S thug mi sùil fo thaobh mo ghuailleadh.
Thug mi sùil o thaobh mo ghuailleadh,
Có chunna mi tighinn ach na h-uaislean.
Có chunnaic tighinn ach na h-uaislean,
Ach, a ghaoil, cha robh mo luaidh ann.
Ach, a ghaoil, cha robh mo luaidh ann,
Giùlan musgaid air a ghualainn.
Giùlan musgaid air a ghualainn,
'S na flasgaichean [flasgan] air an cruachann.
Giùlan flasgaidean [flasgan] air an cruachann,
Dhìrich 's theàrnaich 'ad Bheinn Chruachan.
Reference sources:
"Moch 'Sa Mhadainn Rinn Mi Gluasad," Music: Cape Breton's Diversity in Unity, https://web.archive.org/web/20220630224022/https://beatoninstitutemusic.ca/gaelic/moch-sa-mhadainn-rinn-mi-gluasad/