Obair air a' Rathad Iarainn
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF307i02 OBAIR AIR A' RATHAD IARAINN
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
Tha e coltach gu' robh fear òg a bha seo car, glé amasach air facal, gun robh e furasta dha freagairtean fhaotainn, co-dhiù. Ach ma dh'fhaoidte gum biodh barail seòrsa do dh'amadan ac' air, 's minig a bha e 'tachairt gum biodh barail ghòrach aca air fear agus ma dh'fhaoidte gur e fear fìor glic a bhiodh ann.
Ach co-dhiù, bha e air, a-réir na sgeul a bh' ann, bha e 'dol sìos an rathad latha, agus bha an fheadhainn a bha 'g obair aig a' rathad iarainn, far robh rathad mór 'dol fairis air a' rathad iarainn, bha 'ad a' cur saod ann an sin. Agus bha a' fiodh a bh' ann air fàs dona, is dh'fheumadh 'ad na bha do dh'fhiodh ann a thoirt ás, a h-uile maide, a h-uile déilinn a bh' eadar na slatan iarainn, dh'fheumadh 'ad an togail, agus fiodh ùr a chuir na àite.
Is thàinig esan a's an àm, b' e cà' robh an turas air a' robh e 'dol, agus stad e sheanchas riutha, 's tha mi cinnteach gu' robh fear aca airson dìreach a' tarraing ás, feuch dé bheireadh e air a chantail.
Dh'fhaighneachd e dheth, "Co mheud déilinn a tha thu 'smaointinn," ars esan, "a dh'fheumas duine airson am beulach a tha seo a lìonadh?"
Choimhead e. "O," os esan, "aon fhear, nam biodh e leathann gu leòr."
Notes (fieldnotes):
"DÉILINN = PLANK"