Back to recordings

Naidheachd air Mart Dhòmhnaill Mhóir

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF305i05 NAIDHEACHD AIR MART DHÒMHNAILL MHÓIR


Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
Tar-Sgrìobhadh: An t-Oll. Iain Seathach | Dr. John Shaw


Tha sgeul agam ann a' seo mu dheidhinn fear ris an abradh iad Dòmhnall Mór a bh' ann an ceàrn sònraichte do Cheap Breatainn. Agus chaidh mart leis air seachran. Cha d'fhuaireadh riamh sgeul air a' mhart; ge b' e gu dé thachair cha d'fhuaireadh riamh sgeul oirre. Mar an tubhairt iad, cha d'fhuaireadh mìr dhith eadar feòil na fionnadh na crodhan na cnàimhean.
Ach co-dhiù, air an ath-bhliadhna ás a dheaghaidh sin bha fear sònraichte ann a' Ceap Breatann agus tha e coltach gu robh e gu math amasach air freagairtean a bhith aige do rudan agus bha e latha aig àite an t-sagairt. Ma dh'fhaoidte gu robh sagart a bha seo pìos de dh'astar ás an àite 'sa robh Dòmhnall a' fuireach, ach co-dhiù rinneadh toileachadh mór ris an fhear a bha seo agus thuirt an sagart ris gu robh e gàbhaidh toilichte gun tànaig e. "Tha," ors' esan, "obair bheag agam dhut."
''Seadh," ors' esan.
"Tha," ors' esan, "taigh beag ud a-muigh," (taigh-cùil, mar a bheirmeid) "agus tha mi airson sin fhaighinn air a ghlanadh a-mach. Cha bhithinn 'ga ùsaideachadh idir," ors' esan, "'S e an t-easbuig a' fear mu dheireadh a bh' ann."
Ach co-dhiù chaidh esan a-mach agus ghlan e a-mach an taigh beag a bha seo. Agus nuair a bha e réidh thànaig e a-staigh 's thug an t-searbhanta dha soitheach ás agus uisge 's siabann 's gach sian agus airson e fhéin a nighe. 'S nigh e a làmhan 's aodann 's fhuair e e fhéin deiseil 's thuirt i ris gum b' fheàrr dha a dhol sìos—suidh' aig a' bhòrd: gu robh e fhéin 's a' sagart a' dol a ghabhail biadh, 's rinn e sin. Co-dhiù nuair a ghabh 'ad am biadh, thug iad tacan beag a' seanchas 's a thug a' sagart fainear gu robh coltas air—gu robh beagan cabhag air, mar gum biodh e 'g iarraidh a dhol gu taobh air choireiginn eile. Agus dh'éirich a' sagart 's chaidh e a-null agus tharraing e a-mach drathair beag no cisteag bheag agus thug e bonn airgid ás a' sin agus shìn e dhan fhear eile am bonn airgid. Bha am bonn airgid aige air a làimh agus e coimhead air, a' beachdnachadh air. "O," ors' esan, a' sagart, "a bheil thu toilicht' ás a' tuarst—ás a' phàigheadh a thug mi dhut?"
"O, tha. Le 'r cead," ors' esan, "tha mi riaraichte gu leòr."
"'S e bh' orm," ors' an sagart, "nuair a bha mi 'gad fhaicinn a' beachdnachadh air a' bhonn airgid, bha mi smaointinn ma dh'fhaoidte nach robh thu idir riaraichte ás a' phàigheadh."
"O, bha. Bha," ors' esan, "mise toilichte gu leòr ás—ach gu robh mi smaointinn."
"O seadh," ors' esan, a' sagart. "Có air a-nist a bha thu smaointinn?"
"Bha mi smaointinn," ors' esan, "mura robh duine 'san taigh bheag ud a-muigh ach an t-easbuig, gura h-eudar gura h-esan a dh'ith mart Dhòmhnaill Mhóir."

Joe Neil MacNeil
An Rubha Meadhanach | Middle Cape 583 recordings Faic pròifil | view profile