Back to recordings

Òran Fear Suirghe

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF302i07 ÒRAN FEAR SUIRIGHE
Beulaiche: Eachann mac Eachainn Ghilleasbaig | Hector Carmichael
Bàrd: Dosan , Aonghas Mac'Illinnein | Angus MacLennan


[Séist:] Hi ri iùl agus ó
Mo chridhe trom 's cha chàraich e
Cha thaobh na caileagan mi
Bho 'n sheòl mi fhìn 'nam mharaiche
'S e seo an geamhradh orms' tha cruaidh
Le reòthadh, fuachd, is caismeachd
Ceud-éiginn an alt mo chnàmhan
Chan eil tàmh no fois agam.
Gur e Seònag a thoirt bhuam
A rinn an truaighe buileach orm
Caileag ghrinn bha gasda 's guanach
'S truagh nach d' rinn i fuireach rium
Thug mi dusan bliadhn' na' còrr
A' dol air tòir nan caileagan
'S an latha na mhàireach dh-éibh na féidh dhiubh
Thug mi géill dhen amaideas



Hector Carmichael
Rubha 'ic an Rothaich | Munroe's Point 6 recordings Faic pròifil | view profile