GF302i07 ÒRAN FEAR SUIRIGHE Beulaiche: Eachann mac Eachainn Ghilleasbaig | Hector Carmichael Bàrd: Dosan , Aonghas Mac'Illinnein | Angus MacLennan [Séist:] Hi ri iùl agus ó Mo chridhe trom 's cha chàraich e Cha thaobh na caileagan mi Bho 'n sheòl mi fhìn 'nam mharaiche 'S e seo an geamhradh orms' tha cruaidh Le reòthadh, fuachd, is caismeachd Ceud-éiginn an alt mo chnàmhan Chan eil tàmh no fois agam. Gur e Seònag a thoirt bhuam A rinn an truaighe buileach orm Caileag ghrinn bha gasda 's guanach 'S truagh nach d' rinn i fuireach rium Thug mi dusan bliadhn' na' còrr A' dol air tòir nan caileagan 'S an latha na mhàireach dh-éibh na féidh dhiubh Thug mi géill dhen amaideas