Back to recordings

An Oidhche a Bha Ailidh a' Ruith nan Gillean

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF302i05 AN OIDHCHE A BHA AILIDH A' RUITH NAN GILLEAN


Beulaiche: Eachann mac Eachainn Ghilleasbaig | Hector Carmichael|
Bàrd: Eachann mac Eachainn Ghilleasbaig | Hector Carmichael



Na balaich, bha na balaich, bhiodh 'ad dol a' choimhead air nigheanan ro 'n seo 's cha robh, cha robh Allie na Ciorstaidh, cha robh 'ad measail air na balaich co-dhiùbh. Agus, agus 's e seo an t-aobhar gun do dh'fhàs Allie 's Ciarstaidh, dh'fhàs Allie crosd'; dh'fhàs e crosd' an t-oidhch' ud. Agus tha mi creidsinn, nise.


Ged a chaidh Allie dha 'n leabaidh,
Cha b' ann na chadal a bha e,
Ri caithris 'is faire 'is watchadh nam pàistean,
'S ann a thug Ciorstaidh air duine 's a' pharlour
"Éirich 's cuir umad 's gun glac thu na mèirlich
Air feadh an taighe".


Chaidh Allie 'na chabhag, shad e dheth na pyjamas,
Tharraing e air a' bhriogais; fhuair e na galoisean àrda,
Fhuair e lamp' airson sòlas; fhuair e paidhir ghlàs làmhan,
Thug e maide bho'n teallach 'son na mèirlich a shracadh,
Nam biodh 'ad crosd'.


'Nuair a rànaig e 'm bedroom bha triùir aig' a' làthair' ris,
Johnny Doody 's Joe Digger 's an Ceugan beag nàire,
'S ann a leum 'ad bho 'n a' leabaidh, gum biodh 'ad sàbhailt',
Mus d' fhuair Johnny Doody a-steach, gun d' fhuair e breab air a' mhàs aige
'S bha e goirt.


Thuirt e riuth' thighinn a-mach agus seasamh na [bhàrr?]
'S gun feuchainn ri teicheadh gus an cuireadh an sàs e,
Dh'fheuch Ceugan breab air, shad a' lamp' ás a' làmhan.
Ach fhuair e sgailc dhe 'n a' bheinge, 's chuir e mark air bha grànnda,
Fo 'n an t-alt.


Leum Johnny Doody ro' 'n uinneig ged a bha i car àrd leis
Cha robh air ach a dhrathais 's reub a' léin' siud bha 'sàs i.
'S ged a bha cuir uisg' agus sneachd ann, agus crith air a chnàmhan
Cha robh sin a' cuir dragh air bho 'n fhuair e bheath' ás a làmhan
'Is e cho crosd'.


Challadh am Mountie tràth madainn na Sàboinn
'S gun [?] iad an glacadh, 's gun cuireadh an sàs 'ad.
Gun d' thugadh e guth gu robh na h-evidence làidir
Gur fear dhiubh 'is mark air 'is fear 'is drawers bheag bhàn air
'Nuair leum e 'mach.


Start Ceugan bochd dhachaidh, cha robh rubbers na bròig air
Sia mìl' air a choiseachd, 's cha robh rathad glé chòmhnard
Dh'fhalbh na h-ìnean dhe chasan, 's bha blisters gu leòr air,'
'S e Allie a bha coma ged nach ruigeadh e beò
Nam balach bochd.


'Nuair a rànaig e dhachaidh, dh'fhosgail Murdoch a' chòmhla


'Nuair a rànaig e dhachaidh, cha robh dad 's gu robh 'n deò ann,
Ghrog e 'san dorus, dh'fhosgail Murdoch a'chòmhla
Nuair a chunnaic e 'chasan, can gu robh glòir ann
"Nam bheachd bu tu [mac na monach?], cà' 'n do chaill thu mo bhrògan
'Is gun 'ad pailt? "


Challadh e Maggie tràth madainn na Sàboinn
Chuir e fios dha na Mounties gun cuireadh 'ad sàs iad,
Gun tugadh e guth robh na h-evidence làidir
Gur robh fear dhiubh 'is mark air 'is fear 'is dhrathais bheag bhàn air
'Nuair leum e 'mach.


Fios gu Maggie tràth madainn na Sàboinn
Gu do theich na mèirlich air Allie 's nach robh sgeul aig' an dràsd' orra.



Reference sources:
"Ged a Chaidh Iain Dha’n Leabaidh (Although Ali Went to Bed)," Folksongs of Atlantic Canada from the collections of MacEward Leach, https://mmap.mun.ca/folk-songs-of-atlantic-canada/performances/498

Hector Carmichael
Rubha 'ic an Rothaich | Munroe's Point 6 recordings Faic pròifil | view profile