Back to recordings

Marbhrann do dh'Iain, Mac A Peathar

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF299i04 MARBHRANN DO DH'IAIN MAC A PEATHAR


Beulaiche: Eòs Ailean mac Ruairidh Chaluim Ghobha | Joe Allan MacLean
Bàrd: Peigi Ailein Nic an t-Saoir , Maggie | Margaret (Peggy) MacKinnon (née MacIntyre)


'S ann an-dé ann a fhuair mi sgeula,
Leam fhéin bha e cianail,
Dh'fhàg an teachdaire an-dé e agam,
Is chan e breug bha e dèanamh.


Ghabh an t-òganach spéiseil,
An déidh a reubadh le iarainn,
O siud [sàd/saithead?] nach tréig i,
Anns an té bha 'gad fhrithealadh.


Ach Iain Mhic Dhòmhnaill,
Bu tu 'n t-òganach ciatach,
Cha bu mhisde na [pòiteas?],
Cha mhór chòrdadh riut [mealladh/meala?].


Ach a' fear a fhuair còir ort,
Chuir an [darach?] 'gad iarraidh,
Tha mi 'n dùil 's g' eil mi 'n dòchas,
Gu bheil thu laigh' cois na sìorra[chd?].


Chan fhaca do dhaoin' thu,
Chan fhaodadh 'gad iarraidh,
On a ghearradh gach taobh riut,
Le [?] o 'n iarainn.


'S fheàrr dhomh tionndadh [le sheinne?],
Agus chuir e a d' fhianais,
Agus [bidh?] guidh' airson trocair,
On chaidh thu 'n glòr bhos na sìorrachd.

Joe Allan MacLean
Cùl Eilean na Nollaig | Rear Christmas Island 79 recordings Faic pròifil | view profile