GF299i04 MARBHRANN DO DH'IAIN MAC A PEATHAR Beulaiche: Eòs Ailean mac Ruairidh Chaluim Ghobha | Joe Allan MacLean Bàrd: Peigi Ailein Nic an t-Saoir , Maggie | Margaret (Peggy) MacKinnon (née MacIntyre) 'S ann an-dé ann a fhuair mi sgeula, Leam fhéin bha e cianail, Dh'fhàg an teachdaire an-dé e agam, Is chan e breug bha e dèanamh. Ghabh an t-òganach spéiseil, An déidh a reubadh le iarainn, O siud [sàd/saithead?] nach tréig i, Anns an té bha 'gad fhrithealadh. Ach Iain Mhic Dhòmhnaill, Bu tu 'n t-òganach ciatach, Cha bu mhisde na [pòiteas?], Cha mhór chòrdadh riut [mealladh/meala?]. Ach a' fear a fhuair còir ort, Chuir an [darach?] 'gad iarraidh, Tha mi 'n dùil 's g' eil mi 'n dòchas, Gu bheil thu laigh' cois na sìorra[chd?]. Chan fhaca do dhaoin' thu, Chan fhaodadh 'gad iarraidh, On a ghearradh gach taobh riut, Le [?] o 'n iarainn. 'S fheàrr dhomh tionndadh [le sheinne?], Agus chuir e a d' fhianais, Agus [bidh?] guidh' airson trocair, On chaidh thu 'n glòr bhos na sìorrachd.